Sailm Dhaibhidh 81

81
Salm 81
1Seinnibh gu h‑ait do Dhia ar neart,
Dhia Iàcoib fòs gu binn,
2Is glacaibh salm is tiompan fòs,
saltair is clàrsach ghrinn.
3An trompaid sèidibh san rè nuadh:
air làithean òrdaicht' fèill'.
4Bu lagh siud aig Dia Iàcoib fòs;
's bu reachd do Israèl.
5Do Iòseph dh'òrdaich siud mar theist,
air dol dha trìd na h‑Èiph't;
San cualas cainnt is uirgheall fòs
nach tuiginn as am beul.
6On uallach shaor mi ghuala-san;
o obair chrè a làmh.
7Ghair thusa ann ad thrioblaid orm,
is shaor mi thu gun dàil:
An ionad diamhair tàirneanaich,
do fhreagair mi do ghlaodh:
Aig uisgean còmhstri Mheribah,
do dhearbh mi thu faraon.
8Èisd, O mo shluagh, is bheir mi dhut
deagh fhianais fòs gu ceart,
Ma dh'èisdeas tu ri guth mo bhèil,
O Israeil gu beachd.
9Annad na biodh aon uair air bith
dia eile coigreach brèig',
Is do dhia coimheach fòs air bith
na crom-sa sìos 's na gèill.
10'S mise do Dhia Iehòbhah treun,
thug thus' on Èiph't le neart;
Gu farsaing fosgail rium do bheul,
is lìonam e gu pailt.
11Gidheadh cha tug mo phoball fhèin
èisdeachd do ghuth mo bhèil,
'S cha ghabhadh rium an aitim ud
a ghin o Israel.
12Mar sin do mhiann an cridhe fhèin
thug mise thairis iad:
'S ghluais iad nan comhairle neo-ghlic
a' cur an ciont' am meud.
13O b'fheàrr gum biodh mo phoball fhèin
a' tabhairt gèill dom reachd:
Is fòs gun gluaiseadh Israel
am shlighean fhèin gu ceart!
14An naimhdean smachdaichinn gu luath,
le buaidh gan leagadh sìos;
Is thillinn air an eascairdean
mo làmh, gan cur fo chìs.
15Luchd-fuath an Tighearna mar sin
bheireadh làn-ùmhlachd dha;
Ach biodh an aimsir-san ro‑bhuan
is maireannach gu bràth.
16Is bheireadh e gam beathachadh,
smior cruithneachd fòs da shluagh:
Do làn-dhìol bheirinn dhut faraon
don mhil on charraig chruaidh.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 81: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy