Sailm Dhaibhidh 79

79
Salm 79
1Thàinig, a Dhè, na fineachan
a‑steach dod oighreachd fhèin,
Thruaill iad do theampall naomh, is dh'fhàg
na tòrr Ierusalem.
2Is thug iad cuirp do sheirbhiseach
mar bhiadh do eòin nan speur:
Is feòil do naomh mar chobhartach,
do bheathaichean an t‑slèibh.
3Mu thimcheall fòs Ierusaleim,
dhòirt iad am fuil mar uisg':
Is cha robh neach gan adhlacadh
's gan cur san uaigh an taisg.
4Ball fanaid agus maslaidh sinn
dar coimhearsnachan fhèin:
Cùis spòrs' is mhagaidh do gach neach
a tha mar cuairt gu lèir.
5Cia fhad a bhitheas corraich ort,
a Dhè, am bi gu bràth?
Is d'eud am bi a' losgadh rinn
mar lasair theith a‑ghnàth?
6Do chorraich air na cinnich dòirt
aig nach eil eòlas ort;
Is air na rìoghachdan nach gairm
air d'ainm, a Dhia nam feart.
7Oir mhill iad Iàcob, fhàrdach fòs
na fàsach chuir iad sìos.
8Na peacaidh fòs a rinneadh leinn
na cuimhnich dhuinn a‑rìs;
Tionndadh gu luath do thruacantas,
ruigeadh e oirnn mu thràth:
Oir 's dìblidh bochd a‑nis ar staid
a' tuiteam sìos gach là.
9Dèan còmhnadh leinn, O Dhè ar slàint',
air sgàth glòir d'ainme fhèin;
Sgàth d'ainme saor sinn, agus glan
ar peacaidh uainn gu lèir.
10Ciod uime 'n abradh fineachan,
càit bheil a‑nis an Dia?
Measg fhineachan nar sealladh fhèin,
aithnicheadh iad an Triath,
Le dìoghaltas a ghabhail dhiubh;
oir dhòrtadh leo gun iochd
Fuil neochiontach do sheirbhiseach,
gu saoibhir is gu tric.
11Osnaidh a' phrìosanaich ad làth'r
thigeadh, a Dhè nam feart;
'S an dream a dh'òrdaicheadh chum bàis
saor-sa, rèir meud do neirt.
12Riùsan tha dhuinn nan coimhearsnaich
nam broilleach, dìol am beum:
Gach masladh len do spreig iad thu,
seachd uairean till riu fhèin.
13Treud d'ionaltraidh, 's do phoball sinn,
molaidh sinn thu a‑ghnàth;
Is cuiridh sinn an cèill do chliù
o linn gu linn gu bràth.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 79: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy