Sailm Dhaibhidh 78

78
Salm 78
1Mo phoball èisdibh ri mo reachd:
is cluinnibh guth mo bhèil.
2Am briathran filidh cuiridh mi
sean-fhacail dhorch' an cèill:
3A chuala sinn or sinnsirean,
is air am b'fhiosrach sinn,
4Chan fhalaich sinn on ginealach,
's cha cheil sinn iad on cloinn;
A' foillseachadh àrd-mholadh Dhè
don àl a tha ri teachd;
'S na mìorbhailean a rinneadh leis,
a chumhachd is a neart:
5Oir lagh an Iàcob dhaingnich e,
is reachd an Israèl,
A dh'òrdaich e dar n‑athraichean,
dan cloinn an cur an cèill.
6Chum fios bhith aig an àl ri teachd,
a' chlann a tha gun bhreith:
'S gun innseadh iad don linn nan dèidh
na nithean sin fa leth.
7An Dia gun cuireadh iad an dòigh
's nach dèante dìochuimhn' leo
Air oibrean Dhè, 's gun gleidheadh iad
a reachdan mar as còir:
8'S nach biodh iad mar an sinnsireachd,
làn ceannairc is droch-bheairt,
Gun spiorad tairis annt' do Dhia,
's an cridhe gun bhith ceart.
9Clann Ephraim le arman gleusd',
air bogh' bu chuimseach beachd,
Ach thill iad air an ais le geilt
an làithean cath' is feachd.
10Coicheangal Dhè nìor ghleidheadh leo,
is dhiùlt iad gèill da reachd;
11'S na mìorbhailean a nochd e dhaibh
à 'n cuimhne leig gu beachd.
12An sealladh sùl an athraichean,
seadh fòs an tìr na h‑Eiph't,
'S air machair Shòain nochdadh leis
a mhìorbhailean ro‑threun.
13Sgoilt e an fhairg', 's thug iadsan trìd;
mar thòrr na h‑uisgean sheas.
14San là le neul iad stiùir, san oidhch'
le solas tein' gu deas
15Sgoilt creag san fhàsach, aisde deoch
thug, mar à doimhneachd mhòir;
16Bhuin sruth à creagan, thug air uisg'
ruith sìos mar thuil gu leòr.
17San fhàsach pheacaich iad nas mò;
is bhrosnaich an t‑Àrd Rìgh.
18Nan cridhe chuir iad cathadh air,
dem miann ag iarraidh bìdh.
19Labhair iad fòs an aghaidh Dhè;
is thubhairt iad gu dian,
An urrainn Dia san fhàsach mhòr
bòrd dheasachadh dar miann?
20Feuch, bhuail e chreag, bhrùchd uisge mach,
dh'èirich an tuil gu luath.
Am faod e aran thabhairt fòs?
an deasaich feòil da shluagh?
21Air cluinntinn seo, ghabh corraich Dia;
ri Iàcob teine las,
Is dh'èirich fearg ro‑dhoineannach
ri Israel gu cas:
22Chionn nach do chreid iad ann an Dia,
's nach d'earb iad as a shlàint';
23Ged dh'fhosgail dorsan nèamha fòs,
's na neòil on àird ged dh'àithn;
24Ged dhòirt e orra Mana nuas,
ged fhuair iad coirc nan speur.
25Biadh aingeal dh'ith iad: thug e dhaibh
de lòn an sàth gu lèir.
26San speur thug e air gaoith an ear
gun d'imich i gu treun:
Is thug e fòs le neart a‑steach
a' ghaoth dheas mar an ceudn'.
27Fòs dhòirt e orra nuas mar dhus,
de fheòil an uile shàth;
'S eòin iteagach bu lìonmhoire
na gainneamh air an tràigh.
28Do leig e siud nan camp a‑nuas
mun cuairt nan àitean-tàimh.
29Seadh dh'ith iad uile 's shàsaicheadh;
oir thug e dhaibh an sàimh.
30Cha robh iad air an sgarachdainn
o mhiann an cridhe fhèin;
Ach air bhith acasan am biadh
ga chagnadh dian nam beul.
31A' chuid bu shultmhoir' dhiubh 's bu trèin',
ghlac Dia na fheirg is mharbh:
'S an òigridh thaght' an Israel,
ghrad-bhuaileadh leis gu garbh.
32Gidheadh an dèidh gach gnìomh dhiubh siud,
do pheacaich iad gu mòr;
Is ged a rinn e mìorbhailean,
nìor chreid iad mar bu chòir.
33An làithean chaith e, uime sin,
an dìomhanas air fad;
'S am bliadhnaidh thairis chaidh gu lèir
le carraid ghèir gun stad.
34An uair a mharbhadh leis-san iad,
an sin ghrad-iarr iad e,
Seadh thill iad, agus bha iad fòs
gu moch ag iarraidh Dhè.
35Is chuimhnich iadsan gum b'e Dia,
an carraig threun a‑ghnàth:
Is gum b'e fòs an Dia as àird'
b'fhear-saoraidh dhaibh gach là.
36Ach rinn iad miodal ris lem beul,
len teangaidh breug is gò:
37Cha robh an cridhe ceart; 's cha robh
na chùmhnant dìleas dha.
38Ach Dia, gu h‑iochdmhor mhaith an lochd,
's an sgrios cha d'rinn gu geur:
Bu tric a thill e chorraich uap',
's nìor dhùisg e fhearg gu lèir.
39Oir annta chuimhnich e nach robh
ach feòil thèid as mar bhlàth,
Is osag ghaoith' a ghabhas seach,
's nach till a‑rìs gu bràth.
40Cia tric a bhrosnaicheadh e leo
san fhàsach thartmhor chruaidh;
san dìthreabh chuireadh corraich air
le easaontas an t‑sluaigh?
41Seadh thill iad uile air an ais,
bhrosnaich iad Dia le chèil':
Is chuir iad tomhas mar an ceudn'
air Tì naomh Israeil.
42Dhìochuimhnich iad, 's cha tug fa‑near
a ghàirdean treun 's a làmh:
No 'n là san tug e furtachd dhaibh,
is fuasgladh deas on nàmh:
43No fòs mar rinneadh anns an Èiph't,
comharradh Dhè nam feart:
Air machair Shòain mar an ceudn'
a mhìorbhailean le neart.
44An sruthan chaochail e gu fuil:
's na h‑uillt nach faodte 'n òl.
45Chuir losgainn thuc', is cuileagan;
's leo chlaoidheadh iad gu mòr.
46An toradh thug e is am bàrr
don bhurras sgriosach bheag;
Is saothair fòs an làmh air fad,
fo àilgheas lòcast leag.
47Am fìon-chroinn bhris e mar an ceudn'
le cloich-shneachd chruaidh 's gach àit;
Is amhlaidh mhill le reodhadh teann
an crannan-fìgis àrd'.
48Am feudail thug e thairis fòs
don chloich-shneachd sgaitich ghèir;
'S le saighdean teine-dealanaich,
ghrad-chuir e as dan treud.
49Teas feirge, trioblaid, 's corraich mhòr,
siud thilg e orr' gu grad;
Le ainglean olc a chur nam measg,
gan claoidh gu goirt air fad.
50Da chorraich rinn e bealach rèidh:
'n anam nìor chùm on bhàs;
Am beatha thruagh thug thairis fòs
do ghalar-plàigh 's don chàs.
51Throm-bhuaileadh leis-san anns an Èiph't
gach ciad-ghin a bha ann:
Toiseach an neirt sna pàilleanan
a bha aig gineil Ham.
52Ach thug e mach a phoball caomh
mar chaoraich as an tìr:
Is rinn mar threud san fhàsach mhòr,
an treòrachadh gu fìor.
53Leis stiùradh iad gu tèarainte,
gun eagal is gun sgàth:
Ach air an naimhdean dh'iadh an cuan,
's an sluagh ud uile bhàth.
54Gu crìochan ionaid naomha fhèin
thug e a phoball leis:
Gu ruig an cnoc seo choisinn e,
's a bhuadhaich a làmh dheas.
55Thilg e na cinnich romhpa mach,
's an oighreachd roinn le crann:
Do Israel thug e 'n àite siud
gu còmhnaidh ghabhail ann.
56Ach bhrosnaich agus ghràinich iad
an Dia as àirde glòir;
Is idir cha do choimhead iad
a naomh-reachd mar bu chòir.
57Ach thill iad mar an sinnsirean,
's gu fealltach ghluais air fad:
Mar bhogha fiar chaidh iad a thaobh,
is chlaon iad uaith gu grad.
58Len dealbhan, is len àitean àrd'
chuir iad air fearg is eud:
59Tràth chuala Dia bha corraich air
is gràin ri Israel.
60Ionnas a phoball gun do thrèig,
an Siloh chuir a làmh:
'S am pàillean fòs a shocraich e
measg dhaoine ghabhail tàimh.
61Gu bruid thug suas an neart, 's an glòir
gu làimh nan naimhdean garg.
62Don chlaidheamh thug e suas a shluagh,
ri 'oighreachd ghabh e fearg.
63An teine loisg an òigridh ghleusd';
pòsadh cha d'fhuair an òigh'n.
64An sagairt thuit le claidheamh geur:
's cha d'rinn am bantraich bròn.
65Ghrad-mhosgail Dia an sin, mar neach
ag èirigh as a shuain;
Mar churaidh 'n dèidh bhith pòit air fìon
tràth nì e iolach chruaidh.
66Nan deireadh bhuaileadh leis gu geur
a naimhdean fhèin le tàir:
Is chuir e iad o sin a‑mach
gu masladh buan is nàir'.
67Is pàillean Iòseiph dhiùltadh leis:
nìor thagh treubh Ephraim fòs:
68Ach thagh e Iùdah, sliabh Shioin fhèin
don tug e gràdh gu mòr.
69Thog esan fhàrdach naomh an siud,
mar lùchairt àrd ro‑dheas:
'S mar ionad àrd air talamh teann
a dhaingnich e am feasd.
70Is 'òglach Daibhidh thagh, is thug
o chrò nan caorach e:
71'S o leantainn fòs nan caorach trom
le àl am measg an sprèidh;
Is thug e e a bheathachadh
Iàcoib, a phoball naomh,
Is gineal Israeil mar an ceudn'
a b'oighreachd dha ro‑chaomh.
72Rèir ionracais a chridhe fhèin
bheathaich e iad gu beachd:
A rèir deagh sheòltachd fòs a làmh,
stiùradh leis iad gu ceart.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 78: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy