Sailm Dhaibhidh 77

77
Salm 77
1Dh'èigh mi ri Dia gu h‑àrd lem ghuth,
dh'èigh mi lem ghuth gu h‑àrd;
Is thug e, nuair a ghlaodh mi ris,
sàr-èisdeachd dhomh gun dàil.
2An là mo thrioblaid dh'iarr mi Dia:
is shruth mo leòn gun sgur,
Rè fad na h‑oidhch': is m'anam truagh
sòlas do dhiùlt gu tur.
3Air Dia ghrad-chuimhnich mi an sin,
is mi an trioblaid ghèir:
Ris rinn mi gearan trom gun tàmh,
chlaoidheadh mo spiorad fhèin.
4Chùm thu mo shùil na faireachadh:
tha mi cho iarganach,
Nach faod mi facal cainnt no sgèil
labhairt lem bheul a‑mach.
5An sin air làithean fad o chèin
smaoinich mi fhèin le beachd;
Air bliadhnan fòs na h‑aimsir cèin
am aire fhèin bha teachd.
6Seadh, chuimhnich mi mo cheòl san oidhch',
's rinn cainnt rim chridhe fhèin,
Is rinn mo spiorad fòs gun tàmh,
le dìcheall, sgrùdadh geur.
7An tilg an Tighearn uaith gu bràth?
nach nochd e ghràdh nas mò?
8'N do sguir gu tur a ghràs am feasd,
's a ghealladh fad gach lò?
9'N do dhearmaid Dia gu fìrinneach
bhith gràsmhor caoin gu bràth?
'N do dhruid e suas na chorraich mhòir
a thròcair chaomh 's a ghràdh?
10An sin ghrad-fhreagair mi gu dearbh,
Is i seo m'anfhainn mhòr;
Ach bliadhnaidh deaslàimh' cuimhnicheam,
an Tì as àirde glòir.
11Gnìomharan Dhè sìor mheòraicheam,
mar rinneadh leis gach beairt,
Is d'iongantais on aimsir chèin
sìor chuimhnicheam gu beachd.
12Air d'oibrean uile mar an ceudn'
smaoinichidh mi gu tric;
Is air gach gnìomh a rinneadh leat
sìor labhraidh mi gu glic.
13Do shlighe tha san ionad naomh,
a Thighearn is a Dhè:
Cò 's coimeas ann am meud ri Dia
a tha na Dhia dhuinn fhèin?
14'S tu 'n tì tha dèanamh iongantais,
a Thighearna nam feart;
Is ann am measg a' phobaill fòs
do thaisbein thu do neart.
15Do shaoradh leat dan teasairginn
do phoball dìleas fhèin,
Clann Iàcoib agus Iòseiph fòs,
led ghàirdean neartmhor treun.
16Chunnaic na h‑uisgeachan thu, Dhè,
chunnaic iad thu gu beachd,
Is ghabh iad geilt; 's air doimhneachd fòs
bha mòran oglaidheachd.
17An uisge dhòirt na neòil a‑nuas,
bu ro‑mhòr fuaim nan speur;
Is chaidh do shaighdean corranach
a‑mach gu sgaiteach geur.
18Àrd-ghuth do thàirneanaich san speur,
chualas, a Dhè, gu tric;
An saoghal las led dhealanaich,
an talamh ghluais is chlisg.
19Do cheuman tha san doimhneachd mhòir,
do shlighe tha sa chuan:
Ach luirg do chas chan aithnich sinn,
tha siud am falach uainn.
20Is amhlaidh mar gum biodh ann treud,
do phoball stiùradh leat;
Le deagh làimh Mhaois is Aaroin fòs,
gan treòrachadh gu ceart.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 77: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy