Sailm Dhaibhidh 76

76
Salm 76
1An Iùdah aithnichear ar Dia;
's mòr 'ainm an Israel naomh.
2An Salem tha a phàillean fòs,
a thàmh an Sion caomh.
3Saighdean a' bhogha bhris e 'n sin,
an sgiath 's an claidheamh geur.
An còmhrag is an cath faraon,
bhriseadh iad leis gu treun.
4Is mò do mhòralachd, a Dhè,
is mò gu mòr do ghlòir
Na beanntan thog an cinn gu h‑àrd,
le cobhartach ro‑mhòr.
5Làn-chreachadh luchd a' chridhe chailm,
is chaidil iad le suain;
Na fir a bha nan curaidh mhòr',
an làmhan fòs cha d'fhuair.
6O thus' as Dia do Iàcob ann,
led achmhasan 's led neart,
An carbad-cogaidh is an t‑each
nan suain do chuireadh leat.
7'S cùis eagail thu, thu fhèin, a Dhè:
cia neach a chogas riut,
No ann ad shealladh sheasas suas
an uair bhios corraich ort?
8Thug thusa air do bhreitheanas
o nèamh gun cualas e:
Bha air an talamh eagal mòr
's na thàmh ghrad dh'fhuirich e;
9Tràth dh'èirich Dia chum breitheanais,
a theasairginn san àm
Gach uile dhuine ciùin is sèimh,
air talamh a bha ann.
10Bheir fearg is corraich dhaoin' an sin
àrd-mholadh dhut gu beachd;
Is fuidheall fòs na feirge mòir',
làn choisgidh tu led neart.
11Geallaibh ur bòid gu togarrach
dur Dia Iehòbhah àrd;
Is coileanaibh gu fìrinneach
na gheallar leibhse dha:
Gach neach a tha ma thimcheall-san
thugadh iad dha na àm
Deagh-thabhartais is tìodhlacan,
don tì 's cùis eagail ann.
12Is e nì spiorad phrionnsan mòr'
a sgathadh sìos le neart;
Do rìghrean fòs a' chruinne-chè
's cùis eagail e gu beachd.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 76: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy