Sailm Dhaibhidh 74

74
Salm 74
1Carson a thilg thu sinne uat?
An ann gu bràth, a Dhè?
Carson ri caoraich d'ionaltraidh
a las do chorraich gheur?
2Cuimhnich, a Dhè, do choitheanal
a cheannaich thu o chèin;
Slat d'oighreachd fòs a shaoradh leat,
Sion, do chòmhnaidh fhèin.
3A‑chum nam fàsach sìorraidh buan,
do chasan tog gu grad;
Is chum gach olc a rinn do nàmh
ad theampall naomh air fad.
4Do naimhdean rinn iad beucadh borb
measg coitheanal do shluaigh:
Is chuir iad suas am brataichean
mar chomhar air am buaidh.
5Bu chliùiteach neach mar dhèante leis
a thuagh a thogail suas,
Air crannan àrda dosrach tiugh,
a‑chum an leagadh nuas.
6Ach nis an obair shnaidhte ghrinn,
le òrdan 's tuaghan bhris;
7Is chuir iad suas na lasair dheirg
do theampall naomh ga sgrios:
Taigh-còmhnaidh naomha d'ainme, Dhè,
feuch, thruaill iad e le tàir,
Ga mhilleadh is ga leagadh sìos
cho ìosal ris an làr.
8Nan cridhe labhair iad mar seo,
Sgriosamaid iad le chèil':
Gach sinagog th'aig Dia san tìr,
loisgeadh iad leo gu lèir.
9Ar comharradh chan fhaicear leinn;
fàidh chan eil idir ann,
Cha mhò tha neach nar measg cho geur
don lèir cia fad an t‑àm.
10Cia fhad a bheir, O Dhè nan dùl,
na naimhdean toibheum uap'?
An toir an nàmhaid beum am feasd
dod ainm-sa, Dhia nan sluagh?
11Carson a thillear leat do làmh,
do dheaslàmh air a h‑ais?
O buin a‑mach od bhroilleach i,
chum fuasgladh oirnn gu cas.
12Oir Dia na glòir' tha neartmhor àrd,
o chian is e mo Rìgh,
Am buillsgean talmhainn le mòr-neart,
ag obrach' slàint' is sìth'.
13An fhairge sgaoileadh leat led neart,
is cinn ro‑làidir chruaidh
Nan dràgon bhriseadh leat san uisg',
a' tabhairt orra buaidh.
14Cinn Lebhiatain àghmhoir mhòir
's tu fhèin a bhris is phronn;
Is thug thu e mar bhiadh don t‑sluagh,
a bha san fhàsach lom.
15'S tu sgoilt an tobar is an tuil:
's tu thiormaich aibhnean mòr'.
16'S tu dheasaich solas agus grian,
is leat an oidhch', 's an lò.
17Crìochan na talmhainn shocraich thu:
rinn thu an samhradh teth,
'S an geamhradh fòs do rinneadh leat,
nan aimsirean fa leth.
18Gun tug na naimhdean toibheum uap'
cuir siud air chuimhne, Dhè,
'S gun tug am poball amaideach
dod ainm ro‑uasal beum.
19Anam do chalmain na toir suas
do chuideachd mhòir nan daoi:
Is coitheanal do dheòraidh bochd
na dearmaid iad a‑chaoidh.
20Do chùmhnant thoir fa‑near, a Dhè,
oir àitean dorch' na tìr',
Tha uile air an àiteachadh
le luchd an fhòirneirt ghèir:
21Na tillear air an ais le nàir'
na dh'fhuiling fòirneart goirt:
An dream tha ainnis aimbeartach,
dèanadh iad moladh ort.
22Tog ort is èirich suas, a Dhè;
tagair do chùis gu treun:
Cuimhnich mar tha an t‑amadan
gach là toirt dhutsa beum.
23Na dearmaid guth na muinntir sin
nan naimhdean dhut a tha:
Tha bruidhinn dhaoin' a dh'èirich riut
sìor dhol am meud a‑ghnàth.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 74: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy