Sailm Dhaibhidh 7

7
Salm 7
1O Dhia, mo Thighearn, earbam riut:
orm furtaich agus fòir,
Is saor mi fòs o shàrachadh
mo nàmh tha orm an tòir.
2Air eagal, mar nì leòmhann treun,
gun reubar m'anam leis:
A' dèanamh liodairt air gu mìn,
gun neach gam fhuasgladh as.
3Iehòbhah Dhè, ma rinn mi seo,
ma tha lochd air mo làimh:
4Ma dh'ìoc mi olc don fhear a bha
an sìochant dhomh, 's an dàimh;
(Ni h‑amhlaidh sin, ach rinn mi 'n tì
a theasairginn gu blàth,
A bha gun adhbhar is gun chùis
na nàmhaid dhomh gach là.)
5Leanadh an nàmhaid m'anam fhèin,
glacadh e e, 's gu làr
Saltradh mo bheatha, leagadh fòs
m'urram san dus le tàir.
6Èirich, ad fheirg, tog suas thu fhèin
fa chorraich m'eascair thrèin,
Is chum na breith a dh'òrdaich thu
mosgail fam chùis, a Dhè.
7Mar sin nì coitheanal an t‑sluaigh
do chuartachadh gun tàmh;
Is uime sin fan cùis, a Dhè,
till fhèin gu ionad àrd.
8Breith air an t‑sluagh gu lèir bheir Dia:
rèir m'ionracais dèan breith,
A rèir mo neochiont fhèin, a Dhè,
gu teann cuir as mo leth.
9O, thigeadh crìoch air olc nan daoi,
ach daingnich daoine còir':
'S fear-sgrùdaidh cridh' is rannsaich àirn
Dia cothromach na glòir'.
10'S e Dia mo sgiath, 's e dh'fhurtaicheas
air luchd a' chridhe cheirt.
11Britheamh luchd-còrach Dia, gach là
am feirg ri luchd droch-bheairt.
12Mas e 's nach till an daoi air ais,
a chlaidheamh lìomhaidh Dia:
Air lagh a bhogha chuir gu teann,
gu caitheamh ullamh dian.
13Fìor-acfhainn agus innil bàis
sin dheasaich e dha fhèin;
'S a shaighdean guineach leig e mach
an aghaidh luchd dhroch bheus.
14Mar mhnaoi ri saothair is amhlaidh sin,
an daoi ri olc a tha;
Feuch, aimhleas ghabh mar thorachas,
breug rugadh leis gun stàth.
15Chladhaich e sloc, is threachail e,
is thuit sa chlais a rinn:
16Thig 'aimhleas air a chlaigeann fhèin,
is fhòirneart air a cheann.
17A rèir a cheartais molaidh mi
an Tighearn air gach àm:
Do ainm Iehòbhah seinnidh mi,
oir 's e as àirde th'ann.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 7: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy