Sailm Dhaibhidh 51

51
Salm 51
1Dèan tròcair orm, a Dhia nan gràs,
gu h‑iochdmhor saor-sa mis';
Rèir lìonmhorachd do thròcair chaoimh,
glan as m'uil' easaontas.
2Gu h‑iomlan ionnail mi om lochd,
glan mi om chiont' ad ghràdh:
3Oir tha mi 'g aidmheil m'easaontais,
's lèir dhomh mo lochd a‑ghnàth.
4Ad aghaidh, 'd aghaidh fhèin a‑mhàin;
do pheacaich mi gu trom,
Is ann ad fhianais fhèin, a Dhè,
an t‑olc seo rinneadh leam:
Do‑chum air labhairt dhut a‑mach,
gum biodh tu cothromach:
'S gum biodh tu glan tràth bheir thu breith,
is ceart neo-eucorach.
5Am peacadh, feuch, do dhealbhadh mi,
is ann an cionta fòs
Do ghabh mo mhàthair mi na broinn,
tràth ghineadh mi o thòs.
6An taobh a‑staigh don chridhe, feuch,
an fhìrinn 's ionmhainn leat:
San ionad fhalaicht' bheir thu orm
gun tuig mi gliocas ceart.
7Le hiosop dèan-sa mise glan,
is bitheam glan gu beachd;
Dèan m'ionnlad fòs, mar sin bidh mi
nas gile dhut na sneachd.
8Guth subhachais thoir orm gun cluinn,
is fonn an aoibhneis ait;
Mar sin nì gàirdeachas gu mòr
na cnàmhan bhriseadh leat.
9Om pheacan is o m'easaontais
falaich do ghnùis, a Dhè;
Mo sheachrain is m'uil' eucoir fòs
glan thusa uam gu rèidh.
10Dhia, cruthaich annam cridhe glan;
ath-nuadhaich spiorad ceart.
11Na tilg od shealladh mi; 's na buin
do spiorad naomha leat.
12Is aisig dhomh ùr‑ghàirdeachas
do shlàinte chàirdeil fhèin;
Is dèan-sa fòs mo chumail suas,
led spiorad saor gu treun.
13'N sin teagaisgeam do shlighe, Dhè,
don dream a bhris do reachd;
Is tillear riut le aithreachas
na peacaich thruagh gu beachd.
14O chionta fola saor-sa mi,
O Dhia, a Dhè mo shlàint':
Seinnidh gu h‑àrd air d'fhìreantachd
mo theanga anns gach àit.
15Mo bhilean, tha air druideadh suas,
fosgail, a Dhè nan gràs;
An sin do mholadh le mo bheul
cuiridh mi 'n cèill gu h‑àrd.
16Oir ìobairtean chan iarrar leat,
no bheirinn dhut gach rè:
An ofrail-loisgte fòs air bith
chan eil do thlachd, a Dhè.
17An spiorad briste, tùirseach, trom,
siud ìobairt Dhè nan dùl:
Ri cridhe briste brùit', a Dhè,
gu bràth cha chuir thu cùl.
18Ad dheagh-ghean dèan-sa math, a Dhia,
air Sion do chnoc fhèin:
Ballan Ierusaleim gu luath,
tog suas led làimh gu treun.
19'N sin taitnidh ìobairt cheartais riut,
ofrail, 's làn ofrail loisgt';
'N sin bheirear colpaich dhutsa suas,
air d'altair naomh gun fhois.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 51: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy