Sailm Dhaibhidh 35

35
Salm 35
1Tagair, a Dhia, ri luchd mo strì;
cuir cath ri luchd mo chath'.
2Glac fhèin do thargaid, is do sgiath,
èirich, dèan còmhnadh math.
3Glac fòs do shleagh, 's air luchd mo thòir
am bealach druid gu teann:
Rim anam abair fhèin mar seo,
Is mi do chòmhnadh ann.
4Trom-nàir' is masladh gu robh dhaibh
tha 'g iarraidh m'anam bochd:
Is tilleadh iad le amhluadh geur,
tha smaoineachadh dhomh lochd.
5Biodh iad mar mhuilnean dol le gaoith:
nan tòir biodh aingeal Dhè:
6Biodh aingeal Dhè gan ruith gu teann;
dorch sleamhainn biodh an ceum.
7Oir lìontan leag iad air mo shon,
gun adhbhar no cion-fàth:
Is sloc gun adhbhar chladhaich iad,
chum m'anam chur an sàs.
8Gun fhios da, thigeadh dòrainn air,
is glacar e san lìon
A dh'fhalaich e: san dòrainn cheudn'
tuiteadh e fhèin gu dian.
9Nì m'anam gàirdeachas an Dia;
's na fhurtachd sòlas mòr.
10Is their mo chnàmhan uile, Dhè,
cò choimeas riuts' as còir?
Nì teasairginn don duine bhochd
on neach tha air ro‑threun,
An t‑ainnis is am bochd on tì
lem b'àill a chlaoidh gu lèir.
11Luchd fianais bhrèige dh'èirich rium,
is chuir iad as mo leth
Na nithean sin gu h‑eucorach,
nach b'fhiosrach mi am bith.
12Olc dhìol iad rium an èirig maith,
chum m'anam chur fo leòn.
13Ach mis', air bhith dhaibh siud gu tinn,
ghabh umam culaidh bhròin:
M'anam le trasgadh dh'ùmhlaich mi,
's thill m'ùrnaigh ann am chrios.
14Mar charaid, bràth'r no fear-caoidh màth'r
gu brònach crom ghluais mis'.
15Ach chruinnich iad, is bha iad ait,
air bhith dhomh ann an teinn:
Gun fhios domh, chruinnich cuideachd thàir,
gun tàmh mo reubadh rinn.
16Le cealgairean gu fanaideach,
nam fèisd rinn spòrsa dhìom,
Do chasadh leo am fiaclan rium,
ri magadh orm gu dian.
17Cia fhad as lèir dhut seo, a Dhè?
saor m'anam fhèin gu cas
Om milleadh-san: mo sheircean fòs,
tèarainn o leòmhnan bras.
18Làn-bhuidheachas do bheir mi dhut
am measg an tionail mhòir;
'S am measg an t‑sluaigh tràth 's lìonmhor iad,
àrd-mholam thu le glòir.
19Mo naimhdean tha gun adhbhar rium,
na biodh ac' aoibhneas dhìom:
Don dream a thug dhomh fuath gun chùis
am chaogadh sùl na bìom.
20Oir ann an sìth chan eil an tlachd,
ach ann am beairtean claon,
An aghaidh dhaoine ciùin na tìr',
gam buaireadh air gach taobh.
21Gu farsaing dh'fhosgail iad am beul,
is rium, Hà, hà, a deir,
Chunnaic a‑nis ar sùil an nì
bu mhiannach leinn teachd air.
22Ach chunnaic thusa seo, a Dhia;
na bi ad thosd am fheum:
A Thighearn is a Dhia nam feart,
na fuirich uam an cèin.
23Tog ort, is mosgail chum mo cheirt,
fam chùis, mo Dhia, 's mo Rìgh.
24Dhia, dèan a rèir do cheartais breith,
is dhaibh na b'aoibhneas mi.
25Nan crìdh' na abradh iad riu fhèin,
Hà, hà, 's e siud ar miann:
Is fòs na abradh iad a‑chaoidh,
Do shluig sinn e gu dian.
26Biodh orra nàir, is tàirngear iad
gu amhluadh mòr le chèil',
A tha gu suilbhir is gu h‑ait,
ri faicinn m'àmhghair ghèir:
Is biodh iad air an sgeadachadh
le masladh is le nàir',
Tha 'g iarraidh urraim mhòir dhaibh fhèin
am aghaidh-sa gun tàmh.
27Biodh aoibhneas orra, 's gàirdeachas,
a sheasas dhomh mo chòir:
Is abradh iad, Mòr-chliù gu robh
do Thighearna na glòir',
Tha gabhail tlachd do shonas buan
a sheirbhisich a‑ghnàth.
28Is air do cheartas thig mo bheul,
is air do chliù gach là.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 35: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy