Sailm Dhaibhidh 150

150
Salm 150
1Molaibh-se Dia. Na theampall naomh
molaibh-se Dia gu mòr:
An speuran àrd' a chumhachd fòs
molaibh e mar as còir.
2Airson a ghnìomharan ro‑threun,
molaibh-se Dia 's gach àit;
A rèir a mhòrachd molaibh e,
's a ghlòir a tha ro‑àrd.
3Le guth na trompaid mar an ceudn'
molaibh-se Dia gu binn:
Air clàrsaich seinnibh moladh dha,
is air an t‑saltair ghrinn.
4Le tiompan thugaibh moladh dha,
san dannsa mar an ceudn';
Le organ togaibh suas a chliù,
's le inneal-ciùil nan teud.
5Air ciombalan tha labhar binn
molaibh-se Dia gun tàmh:
Molaibh-se Dia air ciombalan,
nì toirm is fuaim ro‑àrd.
6Gach uile dhùil sam bith tha beò,
ga bheil an deò nan crè,
Ard-mholadh iadsan Dia gu mòr.
Molaibh Iehòbhah treun.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 150: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy