Sailm Dhaibhidh 113

113
Salm 113
1Molaibh-se Dia, O molaibh e,
òglacha dìleas Dhè;
Ard-mholaibh fòs gu h‑urramach
deagh ainm Iehòbhah thrèin.
2Ainm Dhè biodh beannaichte gu mòr,
on àm seo is gu bràth.
3O èirigh gu ruig laighe grèin',
ainm Dhè ionmholta tha.
4'S àrd thar gach tìr Iehòbhah mòr,
's a ghlòir thar nèamhan fòs.
5Cò 's coimeas ris an Tighearna
ar Dia, tha chòmhnaidh shuas?
6'S esan an neach a chromas sìos,
's a dh'ìslicheas e fhèin,
Dh'amharc gach nì san talamh tha,
's an nèamhan àrd' nan speur.
7Togaidh e 'n deòradh truagh on dus;
's am bochd on òtrach bhreun;
8Gan cur nan suidh' le prionnsan àrd';
le prionnsan phobaill fhèin.
9Bheir e don mhnaoi a tha gun sliochd
taigh còmhnaidh teaghlaich mhòir',
Gu bhith na màthair aoibhneach mhac.
Molaibh-se Dia na glòir'.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 113: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy