Sailm Dhaibhidh 112

112
Salm 112
1O thugaibh moladh mòr do Dhia:
's beannaicht' an tì gu beachd
Don eagal Dia, 's a ghabhas toil
gu mòr da lagh 's da reachd.
2Bidh shliochd-san làidir anns an tìr,
's ro‑bheannaicht' sìol nan saoi.
3Bidh maoin is saoibhreas mòr na thaigh,
bidh cheartas buan a‑chaoidh.
4Tràth bhitheas saoi an dorchadas,
'n sin èiridh solas dha:
Tha e fìor-ghràsmhor tròcaireach
is cothromach a‑ghnàth.
5Is truacant' fòs, deagh-choingheallach,
an duine math a‑chaoidh;
Is bheirear leis gu seòlta glic
a ghnothaichean gu crìch:
6Gu dearbh cha tig aon nì am feasd
len gluaisear e gu mòr;
Ach cuimhn' is iomradh math a‑chaoidh
bidh air an fhìrean chòir.
7Is airsan cha bhi faiteachas,
air cluinntinn dha droch sgèil;
Tha chridhe socrach muinghinneach
an Dia Iehòbhah treun.
8Tha chridhe air a shocrachadh,
cha bhi air geilt no fiamh,
Gu ruig an uair am faicear leis
air eascairdean a mhiann.
9Sgaoil e a chuid, is thug don bhochd,
's buan fhìreantachd am feasd;
Bidh 'adharc air a h‑àrdachadh
le urram mòr gun cheist.
10Cràdhar an daoi, tràth chì e seo;
casaidh e fhiaclan geur',
Seargaidh e as: is sgriosar miann
nan aingidh ud gu lèir.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 112: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy