Sailm Dhaibhidh 104

104
Salm 104
1O m'anam, beannaich thusa Dia:
mo Dhia, 's tu 'n Triath ro‑mhòr;
Tha thusa air do sgeadachadh
le mòralachd is glòir.
2Seadh, chuir thu solas dealrach glan,
mar thrusgan umad fhèin;
Is shìn thu mach, is sgaoileadh leat,
mar chùirtean nèamh nan speur.
3Sailean a sheòmar leagadh leis
air uisgeachan mar stèidh;
Mar charbad rinn na neulan tiugh,
's e ruith air sgiathan gaoith'.
4'S e fhèin a rinn na h‑aingil fòs
nan spioraid làidir threun;
'S e rinn nan teine lasarach
a theachdairean gu lèir.
5Is bunaitean na talmhainn fòs
shocraicheadh leis nan àit
A‑chum nach gluaist' as 'ionad e
a‑chaoidh nan cian gu bràth.
6Is dh'fhalaich thu le doimhneachd e,
ceart mar gum b'ann le brat:
Os cionn nam beann 's nan slèibhtean àrd'
na h‑uisgeachan do stad.
7Air cluinntinn dhaibh guth d'achmhasain,
theich iad air falbh gu cas:
Is fòs ri guth do thàirneanaich,
le deifir chaidh iad as.
8Ri taobh nam beann chaidh iad a suas,
's a sìos air feadh nan gleann:
Gu ruig an t‑àit' a dh'òrdaich thu
's a shocraich thu gu teann.
9Chuir thusa romhpa crìochan buan
nach tèid iad tharta null;
'S nach till iad air an ais a‑rìs
dh'fhalach na tìr' le tuinn.
10Cuiridh e mach na tobraichean
air feadh nan glac 's nan gleann,
A tha gun tàmh len sruthan bras',
a' ruith air feadh nam beann.
11Do bheathaichean na macharach
deoch bheir e dhaibh ra h‑òl:
'S na h‑asail fhiadhaich coisgidh iad
an tart 's an ìota mòr.
12Am fagas dhaibh nì eòin nan speur,
taigh clùmhor tàimh dhaibh fhèin:
Is eadar gheugan cuirear leo
an ceilear binn an cèill.
13Uisgichidh e o sheòmran àrd'
na beanntan mòr' gun tàmh:
An talamh tioram gheibh a dhìol
le toradh gnìomh do làmh.
14Bheir e air feur bhith fàs don sprèidh,
's air luibh bhith fàs gun sgìos
Do dhaoine, chum gun tugadh iad
on talamh biadh a‑nìos:
15Is fìon a chuireas cridhe dhaoin'
air shubhachas 's air ghean,
Is ola fòs a nì an gnùis
le maise dealrach glan.
'S e bheir dhaibh aran mar an ceudn'
fhreasdal am feum gu leòr,
An cridhe dhaoin' a chuireas neart,
le misnich mhaith is treòir.
16Tha craobhan àrd' an Tighearna
ro‑làn de bhrìgh gu lèir,
Is seudair mhaiseach Lebanoin
a shuidhicheadh leis fhèin.
17Is bithidh nid san ionad ud
aig eunlaith luath nan speur:
Na craobhan giuthais aig an storc
mar ionad tàimh dhi fhèin.
18An tèarmann fhèin, am beanntan àrd',
na gobhair fhiadhaich leag;
Na coinein bheaga mar an ceudn'
an còsan blàth nan creag.
19A' ghealach dh'òrdaich esan fòs
a sgarachdainn nan tràth:
Is aig a' ghrèin tha eòlas math
mar laigheas i gach là.
20Do nìthear leatsa dorchadas,
is thig an oidhch' gu grad;
An sin bidh beathaich allt' na coill
a' dol a‑mach air fad.
21Ri beucadh bidh na leòmhainn òg'
ag iarraidh cobhartaich,
Is bithidh iad ag iarraidh bìdh
air Dia ro‑chumhachdach.
22An sin nuair dh'èireas suas a' ghrian,
cruinnichidh iad le chèil',
Gu h‑uaigneach laighidh iad a‑staigh
nan garaidh dìdein fhèin.
23Is thèid an duine mach an sin
gu 'obair mar as còir,
Is leanaidh e gu dìcheallach
a shaothair gu tràth-nòin'.
24Cia lìonmhor d'oibrean mòr', a Dhè!
an gliocas rinn thu iad:
An talamh fòs led shaoibhreas mòr,
tha làn air fad 's air leud.
25Mar sin an cuan tha farsaing mòr,
's gach nì a shnàigeas ann,
Na beathaichean tha beag is mòr,
gun orra cunntas cheann.
26Tha longan siubhal ann gu tiugh;
's tha 'n Lebhiàtan mòr,
A chumadh is a dhealbhadh leat,
ri sùgradh ann le treòir.
27Na slòigh ud uile tha, a Dhè,
a' feitheamh ort a‑ghnàth,
A‑chum dhaibh biadh gun tugadh tu
gan cumail beò gach tràth.
28Na bheir thu dhaibh ad thoirbheartas
ga thional siud tha iad:
Tràth dh'fhosglas tu do làmh gu pailt,
le math sàr-lìonar iad.
29Air falach dhut do ghnùis a‑rìs,
thig cabhag orr' air fad;
Eugaidh, tràth bheir thu asd' an deò,
tillidh rin ùir gu grad.
30Do spiorad fhèin gan cruthachadh,
rìs cuirear leat a‑mach:
Aghaidh na talmhainn mar an ceudn'
nuadhaichidh tu le dreach.
31Bidh glòir an Triath ro‑mhaireannach
air feadh gach linn am feasd;
Is nì Iehòbhah gàirdeachas
na ghnìomharan gun cheist.
32Air sealltainn air an talamh dha,
criothnaichidh e gu grad;
Tràth bheanas e ri slèibhtean àrd'
bidh deatach dhiubh air fad.
33Do Dhia Iehòbhah seinnidh mi
an cian a bhios mi beò;
Is bheir mi moladh mòr dom Dhia
ri fad mo rè 's mo lò.
34'S ro‑mhilis blasd' mo smuaintean air;
biom ait an Dia a‑ghnàth.
35Gun tigeadh sgrios air peacaichean,
mach as an tìr gu bràth,
'S na biodh na h‑aingidh ann nas mò;
O m'anam, moladh seinn
Do Dhia Iehòbhah; seinneamaid
le Haleluia binn.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 104: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy