Sailm Dhaibhidh 101

101
Salm 101
1Breith cheart is tròcair canar leam;
Dhè, seinneam dhut le ceòl.
2Is iomchaiream mi fhèin gu glic
air slighe fhoirfe chòir.
O cuin dom ionnsaigh-sa a thig
thu fhèin, a Dhia nam feart?
A‑steach am fhàrdaich gluaisidh mi
le cridhe fìorghlan ceart.
3Fa chomhair fòs mo shùilean fhèin
cha chuir mi olc am feasd;
Obair luchd-ceannairc 's fuathach leam,
's cha lean i rium gun cheist.
4An cridhe iargalt ceannairceach
uam triallaidh e an cèin:
Eòlas no furan air an daoi
a‑chaoidh cha chuir mi fhèin.
5An tì bheir beum da choimhearsnach,
lom-sgriosaidh mi as 'àit;
An cridhe borb chan fhuiling mi,
no neach a sheallas àrd.
6Bidh m'air' air fìreanan na tìr',
gun gabh iad còmhnaidh leam:
An tì bhios foirfe glan na bheus,
's e 's òglach dhomh gach àm.
7Fear-dèanamh ceilg' is mealltaireachd,
am thaigh-sa chan fhaigh tàmh;
Am làthair, neach a labhras breug
chan fhuirich e gu bràth:
8Lom-sgriosaidh mise fòs gu moch
gach droch dhuin' as an tìr,
Chum luchd an uilc a sgathadh as
o chathair Dhè gu lèir.

Айни замон обунашуда:

Sailm Dhaibhidh 101: SD1992

Лаҳзаҳои махсус

Паҳн кунед

Нусха

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy