Marcas 8
8
Ìosa a' Biathadh nan Ceithir Mìle
1Anns na làithean sin, nuair a chruinnich sluagh mòr a‑rithist, agus gun sìon aca ri ithe, ghairm Ìosa a dheisciobail thuige agus thuirt e riutha, 2“Tha truas agam ris an t‑sluagh a chionn 's gu bheil iad air a bhith còmhla rium a‑nis trì latha agus nach eil sìon aca ri ithe. 3Ma chuireas mi air falbh acrach iad gu an dachaighean, fannaichidh iad air an t‑slighe, agus tha cuid dhiubh air tighinn o astar fad' às.”
4Agus fhreagair a dheisciobail e, “Càit am bi neach sam bith an comas air gu leòr arain fhaighinn san àite fàsail seo airson an sàsachadh?”
5Agus dh'fhaighnich e dhaibh, “Cia mheud lof a th' agaibh?”
Agus thuirt iadsan, “Seachd.”
6Agus thug e òrdugh dhan t‑sluagh suidhe sìos air an talamh. Agus ghabh e na seachd lofaichean, agus às dèidh dha taing a thoirt, bhris e iad, agus thug e dha dheisciobail iad, airson an cur mun coinneamh; agus chuir iad sìos mu choinneamh an t‑sluaigh iad. 7Bha beagan de dh'èisg mheanbha aca cuideachd; agus às dèidh am beannachadh, dh'àithn e gum biodh iadsan cuideachd air an cur sìos mun coinneamh. 8Agus dh'ith iad agus chaidh an sàsachadh. Agus thog iad suas seachd basgaidean dhe na criomagan a bha a chòrr aca. 9A‑nis bha mu cheithir mìle an sin. Agus chuir e air falbh iad. 10Agus sa bhad chaidh e a‑steach dhan eathar còmhla ri a dheisciobail agus thàinig e gu ceàrnaidh Dhalmanuta.
11Thàinig na Pharasaich agus thòisich iad air argamaid ris, a' sireadh chomharraidh uaithe o nèamh, ga dhearbhadh. 12Agus ag osnaich gu domhainn na spiorad, thuirt e, “Carson a tha an ginealach seo a' sireadh chomharraidh? Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh nach tèid comharra a thoirt dhan ghinealach seo.” 13Agus dh'fhàg e iad, agus às dèidh dha a dhol a‑steach dhan eathar a‑rithist, chaidh e chun an taoibh eile.
Taois Ghoirt nam Pharasach agus Heroid
14A‑nis bha na deisciobail air dìochuimhneachadh aran a thoirt leotha, agus cha robh aca ach aon lof nan cois san eathar. 15Agus thug e àithne dhaibh, ag ràdh, “Thoiribh an aire, bithibh faiceallach mu thaois ghoirt nam Pharasach, agus mu thaois ghoirt Heroid.”
16Agus thòisich iad air deasbad, ag ràdh, “Tha seo a chionn 's nach eil aran againn.”
17Agus a' tuigsinn seo, thuirt Ìosa riutha, “Carson a tha sibh a' deasbad nach eil aran agaibh? An e nach eil sibh fhathast a' toirt fa‑near no a' tuigsinn? A bheil ur cridheachan fhathast air an cruadhachadh? 18A bheil sùilean agaibh is nach fhaic sibh agus a bheil cluasan agaibh is nach cluinn sibh? Agus nach eil sibh a' cuimhneachadh? 19Nuair a bhris mi na còig lofaichean airson nan còig mìle, cia mheud basgaid làn de chriomagan a thog sibh?”
Thuirt iad ris, “A dhà dheug.”
20“Nuair a bhris mi na seachd airson nan ceithir mìle, cia mheud basgaid làn de chriomagan a thog sibh?”
Agus thuirt iadsan, “Seachd.”
21Agus thuirt e riutha, “Ciamar nach eil sibh a' tuigsinn?”
Leigheas Duine a Bha Dall aig Betsaida
22Thàinig iad gu Betsaida, agus thug feadhainn thuige duine dall, agus ghuidh iad air gum beanadh e ris. 23Agus rug e air làimh air an duine dhall agus threòraich e a‑mach às a bhaile e, agus às dèidh dha smugaid a chur air a shùilean agus a làmhan a chur air, dh'fhaighnich e dha, “A bheil thu a' faicinn sìon?” 24Agus choimhead e suas, is thuirt e, “Tha mi a' faicinn dhaoine; tha iad a' coimhead coltach ri craobhan a' coiseachd.”
25An uair sin chuir Ìosa a làmhan air a shùilean a‑rithist; agus choimhead e gu geur air, agus fhuair e a fhradharc air ais, is chunnaic e a h‑uile sìon gu soilleir. 26Agus chuir e gu a dhachaigh fhèin e, ag ràdh, “Na rach fiù 's dhan bhaile.”
Aidmheil Pheadair de Chrìosd
27Agus chaidh Ìosa agus a dheisciobail a‑mach gu bailtean Chesarèa Philipi. Air an t‑slighe cheasnaich e a dheisciobail: “Cò a tha daoine ag ràdh a th' annam?” 28Agus thuirt iad ris, “Eòin Baistidh, agus canaidh cuid eile Eliah, agus cuid eile aon dhe na fàidhean.”
29Agus cheasnaich esan iad: “Ach cò a tha sibhse ag ràdh a th' annam?”
Fhreagair Peadar e, “Is tusa an Crìosd.”
30Agus thug e òrdugh dhaibh gun seo innse do neach sam bith ma dheidhinn.
Ìosa ag Innse Ro‑Làimh ma Bhàs Fhèin
31Agus thòisich e a' teagasg dhaibh gum feumadh Mac an Duine mòran rudan fhulang 's a bhith air a dhiùltadh le na h‑èildearan, na h‑àrd‑shagartan is na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs agus às dèidh trì latha èirigh a‑rithist. 32Is thuirt e seo gu soilleir. Agus thug Peadar gu aon taobh e is thòisich e ga chronachadh. 33Ach a' tionndadh agus a' faicinn a dheisciobal, chronaich e Peadar, ag ràdh, “Thalla gu mo chùlaibh, a Shàtain! Oir chan eil thu a' smaoineachadh mu rudan Dhè, ach mu rudan dhaoine.”
Slighe a' Chroinn‑Ceusaidh
34Agus ghairm e thuige an sluagh 's a dheisciobail, agus thuirt e riutha, “Mas e toil neach sam bith tighinn às mo dhèidh‑sa, àicheadh e e fhèin, is togadh e suas a chrann‑ceusaidh agus leanadh e mise. 35Oir ge b' e cò leis am bu toigh l' a bheatha a shàbhaladh, caillidh e i, ach ge b' e cò a chailleas a bheatha air mo shon‑sa 's airson an t‑soisgeil, sàbhailidh esan i. 36Oir dè a' bhuannachd a th' ann do dhuine an saoghal gu lèir a chosnadh agus a bheatha a chall? 37Oir dè as urrainn do dhuine a thoirt seachad an àite a bheatha? 38Oir ge b' e a ghabhas nàire mum dheidhinn‑sa agus m' fhaclan sa ghinealach adhaltranach is olc seo, bidh Mac an Duine cuideachd a' gabhail nàire dhethsan nuair a thig e ann an glòir Athar 's nan ainglean naomha.”
നിലവിൽ തിരഞ്ഞെടുത്തിരിക്കുന്നു:
Marcas 8: ATN
ഹൈലൈറ്റ് ചെയ്യുക
പങ്ക് വെക്കു
പകർത്തുക

നിങ്ങളുടെ എല്ലാ ഉപകരണങ്ങളിലും ഹൈലൈറ്റുകൾ സംരക്ഷിക്കാൻ ആഗ്രഹിക്കുന്നുണ്ടോ? സൈൻ അപ്പ് ചെയ്യുക അല്ലെങ്കിൽ സൈൻ ഇൻ ചെയ്യുക
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024

: