Marcas 6:41-43

Marcas 6:41-43 ATN

Agus a' gabhail nan còig lofaichean agus an dà iasg, sheall e suas gu nèamh, bheannaich e 's bhris e na lofaichean is thug e iad dha dheisciobail airson an cur mu choinneamh nan daoine. Agus roinn e cuideachd an dà iasg nam measg gu lèir. Dh'ith iad uile agus bha iad air an sàsachadh. Agus thog iad dà bhasgaid dheug làn de chriomagan agus dhen iasg.