1
Marcas 9:23
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
ATN
Agus thuirt Ìosa ris, “‘Mas urrainn dhut!’ Tha a h‑uile rud comasach dhan neach a chreideas.”
താരതമ്യം
Marcas 9:23 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
2
Marcas 9:24
Sa bhad dh'èigh athair an leanaibh, “Tha mi a' creidsinn, cuidich thusa lem eas‑creideamh!”
Marcas 9:24 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
3
Marcas 9:28-29
Agus nuair a chaidh e a‑steach dhan taigh, dh'fhaighnich a dheisciobail dha gu prìobhaideach, “Carson nach robh an comas againne a thilgeil a‑mach?” Agus thuirt e riutha, “Chan urrainn an seòrsa seo tighinn a‑mach tro rud sam bith ach ùrnaigh.”
Marcas 9:28-29 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
4
Marcas 9:50
“Tha an salann math, ach ma chailleas an salann a shaillteachd, ciamar a nì sibh saillte a‑rithist e? Biodh salann agaibh nur measg: bithibh sìochail ri chèile.”
Marcas 9:50 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
5
Marcas 9:37
“Ge b' e cò a ghabhas ri leanabh dhen leithid seo nam ainm‑sa, tha e a' gabhail riumsa, agus ge b' e cò a ghabhas riumsa, chan ann riumsa ris a bheil e a' gabhail, ach ris an Aon a chuir a‑mach mi.”
Marcas 9:37 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
6
Marcas 9:41
Oir ge b' e cò a bheir cupa uisge dhuibhse ri òl nam ainm‑sa, a chionn 's gur ann le Crìosd a tha sibh, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e a dhuais.
Marcas 9:41 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
7
Marcas 9:42
“Ge b' e cò a dh'adhbhraicheas do dh'aon dhen mhuinntir bhig seo a tha a' creidsinn annamsa gum peacaich iad, b' fheàrr dha gum biodh clach‑mhuilinn mhòr air a crochadh ma amhaich agus gum biodh e air a thilgeil dhan fhairge.
Marcas 9:42 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
8
Marcas 9:47
Agus ma dh'adhbhraicheas do shùil gum peacaich thu, spìon asad i. Is fheàrr dhut a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè le aon t‑sùil na dà shùil a bhith agad agus gum biodh tu air do thilgeil ann an Ifrinn
Marcas 9:47 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
ആദ്യത്തെ സ്ക്രീൻ
വേദപുസ്തകം
പദ്ധതികൾ
വീഡിയോകൾ