1
Marcas 16:15
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
ATN
Agus thuirt e riutha, “Thallaibh air feadh an t‑saoghail gu lèir agus searmonaichibh an soisgeul dhan chruthachadh gu lèir.
താരതമ്യം
Marcas 16:15 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
2
Marcas 16:17-18
Leanaidh na comharraidhean seo an fheadhainn a chreideas: nam ainm‑sa tilgidh iad a‑mach deamhain; bruidhinnidh iad le teangannan ùra; togaidh iad nathraichean len làmhan; agus ma dh'òlas iad puinnsean marbhteach sam bith, cha dèan e cron orra; cuiridh iad an làmhan air daoine tinn, agus bidh iad gu math.”
Marcas 16:17-18 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
3
Marcas 16:16
Ge b' e cò a chreideas agus a th' air a bhaisteadh, thèid a shàbhaladh, ach ge b' e cò nach creid, thèid a dhìteadh.
Marcas 16:16 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
4
Marcas 16:20
Agus chaidh iadsan a‑mach is shearmonaich iad anns gach àite, agus bha an Tighearna a' co‑obrachadh leotha agus a' dearbhadh an fhacail le na comharraidhean a thàinig leis.
Marcas 16:20 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
5
Marcas 16:6
Ach thuirt e riutha, “Na biodh eagal oirbh. Tha sibh a' sireadh Ìosa o Nàsaret, a chaidh a cheusadh. Dh'èirich e; chan eil e an seo. Seallaibh an t‑àite far an do chuir iad na shìneadh e.
Marcas 16:6 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
6
Marcas 16:4-5
A' coimhead suas, chunnaic iad gun robh a' chlach – a bha fìor mhòr – air a rolaigeadh air falbh. A' dol a‑steach dhan tuam, chunnaic iad òganach na shuidhe air an làimh dheis, air èideadh ann an culaidh fhada gheal, agus bha eagal mòr orra.
Marcas 16:4-5 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
ആദ്യത്തെ സ്ക്രീൻ
വേദപുസ്തകം
പദ്ധതികൾ
വീഡിയോകൾ