1
Marcas 14:36
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
ATN
Agus thuirt e, “Abba, Athair, tha gach rud an comas dhutsa. Thoir an cupa seo air falbh uam. Ach chan e na 's toigh leamsa, ach na 's toigh leatsa.”
താരതമ്യം
Marcas 14:36 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
2
Marcas 14:38
Dèanaibh faire is ùrnaigh airson 's nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu deimhinn deònach, ach tha an fheòil lag.”
Marcas 14:38 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
3
Marcas 14:9
Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e càit an tèid an soisgeul a shearmonachadh air feadh an t‑saoghail gu lèir, bidh an rud a rinn i air innse mar chuimhneachan oirre.”
Marcas 14:9 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
4
Marcas 14:34
Agus thuirt e riutha, “Tha m' anam ro bhrònach, fiù 's gu bàs. Fuirichibh an seo agus dèanaibh faire.”
Marcas 14:34 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
5
Marcas 14:22
Agus fhad 's a bha iad ag ithe, ghabh Ìosa thuige aran, agus às dèidh a bheannachadh, bhris e e agus thug e dhaibh e, agus thuirt e, “Gabhaibh, is e seo mo chorp‑sa.”
Marcas 14:22 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
6
Marcas 14:23-24
Agus ghabh e thuige cupa, agus às dèidh dha taing a thoirt, thug e dhaibh e, agus dh'òl iad uile às. Agus thuirt e riutha, “Is e seo m' fhuil‑sa, fuil a' chùmhnaint, a th' air a dòrtadh a‑mach airson mhòrain.
Marcas 14:23-24 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
7
Marcas 14:27
Agus thuirt Ìosa riutha, “Bidh sibh uile air ur sgainnealachadh asam, oir tha e sgrìobhte: “‘Buailidh mi am buachaille, agus sgapar na caoraich.’
Marcas 14:27 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
8
Marcas 14:42
Èiribh! Thallamaid! Seallaibh, tha mo neach‑brathaidh air tighinn faisg!”
Marcas 14:42 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
9
Marcas 14:30
Agus thuirt Ìosa ris, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, an‑diugh fhèin air a' cheart oidhche seo, mun gairm an coileach dà thuras, àicheidh tu mi trì tursan.”
Marcas 14:30 പര്യവേക്ഷണം ചെയ്യുക
ആദ്യത്തെ സ്ക്രീൻ
വേദപുസ്തകം
പദ്ധതികൾ
വീഡിയോകൾ