Genesis 1
LSN1987

Genesis 1

1
LAOIDH 1
Genesis 1
1O neoni èireadh talamh 's nèamh,
seo labhair guth an Triath:
O neoni dh'èirich talamh 's nèamh,
gu h‑umhail mar a dh'iarr.
2Shuidh air an aigeinn duibhre tiugh,
thuirt Dia, “Biodh solas ann”;
Ghrad‑las an solas deàlrach glan,
's an duibhre theich gu teann.
3Do neulan dh'àithn e togail suas,
suas thog na neòil dha rèir;
Len ionmhas uisg sgaoil iad 's gach àit,
a' snàmh air feadh nan speur.
4Dh'àithn e don uisg a laigh air fonn#1.4 fonn talamh
grad‑thional gu h‑aon àit;
Dhian‑ruith an fhairge, tonn air thonn
is feuch an talamh tràight!
5Le luibhean gorm is craobhan meas,
chòmhdaich e 'n talamh lom;
Mun tàinig fras no drùchd on speur,
's mus d' dh'èirich grian air fonn#1.5 fonn talamh.
6Sgeadaich e 'n sin na nèamhan àrd;
gu deàlrach las a' ghrian:
A' ghealach is na reulta dhùisg,
a chunntadh mhìos is bhliadhn.
7Don uisge dhealbh Iehobhah treun
gach gineal èisg sa chuan;
Is ghairm on doimhne mar an ceudn
gach eun san ealtainn shuas.
8Gach dùile beò air thalamh ta
dhealbh thu led làimh, fa leth;
Don leòmhann bhorb 's don chnuimheig fhaoin
thug thu maraon am bith.
9An duine chruthaich thu fa‑dheòidh,
nad choltas glòrmhor fhèin,
Gu bhith na uachdran dligheach fìor
os cionn gach nì fon ghrèin.
10D' uil oibre#1.10 oibre obrach (Tha seo ann an seann chruth gin. airson giorrad.) 'n sin nad làth'r, a Dhè,
gu ciatach àlainn sheas;
Sheall thu, is thuirt gu robh gach nì
gu fìor‑mhaith agus deas.
11Cia glòrmhor d' oibre‑sa#1.11 oibre‑sa faic e. 10 gu lèir!
cia treun thu fhèin an neart;
Cò 'n tì nach tugadh dhutsa cliù!
molam thu, Dhia nam feart!

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017

© Scottish Bible Society 1987, 2017

Ulteriori Informazioni Su Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987