YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 30

30
1Dhia, molam thu, oir thog thu mi,
gàir’ m’eascair cha d’rinn dhìom.
2A Dhia mo Thighearn, ghlaodh mi riut,
is dh’fhurtaich orm am fheum.
3Do thogadh m’anam leatsa, Dhè,
glan as an uaigh a-nìos;
Is ghlèidh thu mi gu tèaraint’ beò,
don t-sloc nach rachainn sìos.
4Don Tighearn àrd gu ceòlmhor binn
seinnibh, a naomh-shluagh fhèin,
Ri cuimhneach’ air a naomhachd-san,
sgaoilibh a chliù an cèin.
5Oir fhearg cha mhair ach mionaid bheag,
na dheagh-ghean beatha tha:
Tràth feasgair fòs ged robh ann bròn,
thig aoibhneas leis an là.
6Am shocair thubhairt mi mar seo,
cha ghluaisear mis’ am feasd:
7Led thròcair thug thu air mo chnoc
gu daingeann suas gun sheas:
A Dhè, do cheil thu orm do ghnùis,
chuir sin gu trioblaid mi.
8Dhia, riut do ghlaodh: is rinn ri Dia
mo ghearan is mo chaoidh:
9Ciod i an tairbh’ am fhuil-sa tha,
an dèidh mo chur san uaigh?
Am molar thusa leis an ùir?
an toir air d’fhìrinn luaidh?
10Eisd rium a-nis, a Dhia nan dùl,
dèan tròcair orm is gràs;
Is bi-sa, Dhè, ’d fhear-cuidich leam,
nuair thàrlas dhomh bhith ’n sàs.
11Mo bhròn gu dannsa chaochail thu,
is m’aodach saic faraon
Do sgaoil thu dhìom, is chrioslaich mi
le aoibhneas air gach taobh:
12Mo ghlòir gun seinneadh dhutsa cliù,
gun idir bhith na tosd:
A Dhia mo Thighearn, bheir mi dhut
mòr-bhuidheachas am feasd.

Currently Selected:

Sailm 30: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy