YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 139

139
1Do rannsaich thu ’s is aithne dhut
mise, Iehòbhah thrèin;
2Mo shuidh’, is m’èirigh ’s aithne dhut;
’s lèir dhut mo smaoin an cèin.
3Mo cheuman is no laighe sìos,
do chuartaich thu gu dlùth;
Is air mo shlighibh fhèin gu lèir,
’s geur-fhiosrach eòlach thu.
4Feuch, chan eil facal mòr no beag
no cainnt air bith am bheul,
Mun labhram siud, a Dhia nam feart,
nach aithne dhut gu lèir.
5Do chuartaich thu mi air gach taobh,
romham faraon ’s am dhèidh;
Do làmh tha neartmhor cumhachdach
leag thusa orm, a Dhè.
6Tha ’n t-eòlas seo ro-iongantach,
is ormsa tha e cruaidh;
Cha ruig mi air, oir tha e àrd
ra thuigsinn is ra luaidh.
7Cia ’n t-àit air bith am faod mi dol
od spiorad glic, a Dhè?
Od ghnùis tha uile-lèirsinneach
cia ’n taobh a theicheas mi?
8Nan rachainn suas air nèamh nan speur,
A ta thu fhèin an siud;
Nan laighinn ann an ifrinn shìos,
tha thu san ionad ud.
9Air bharraibh sgiath na maidne fòs
nan siùbhlainn fad o làimh,
Gu iomallaibh na fairge mòir’
chum còmhnaidh agus tàimh;
10Stiùraidh tu mi an sin, a Dhè,
led làimh tha treun an neart;
Is nìthear leat mo chumail fòs
led dheaslàimh mhòir gu beachd.
11Nan abrainn, Gun dèan dorchadas
gu deimhinn m’fhalach uat;
Bidh ’n oidhche fhèin mar sholas glan
ag iadhadh orm mun cuairt.
12Chan fhalaich uatsa dorchadas,
’s co-shoilleir oidhch’ is là;
’S ceart-ionnan dhuts’ an duibhre dorch,
is solas glan nan tràth.
13Oir feuch ghabh thusa sealbh gu moch
air m’àirnibh is mi maoth;
’S ann leat a rinneadh m’fhalach fòs
am broinn mo mhàthar chaoimh.
14Ard-mholam thu, oir ’s uamhasach,
’s is mìorbhaileach mo dhealbh;
Tha d’oibrean iongantach; ’s is lèir
dom anam sin gu dearbh.
15Tràth rinneadh mi an diamhaireachd
’s a dhealbhadh mi gu ceart,
An àitibh ìochdrach talmhainn shìos,
bu lèir dhut brìgh mo neirt.
16Mo chiad-fhàs an-abaich gun dreach,
dod shùilibh-sa bu lèir;
Mo bhuill’ gu h-iomlan chuireadh sìos
sgrìobht’ ann ad leabhar fhèin;
Gidheadh ri aimsir is ri ùin’,
do dhealbhadh iad san àm;
Air bhith dhaibh roimhe sin gun dreach
’s nach robh a h-aon dhiubh ann.
17’S ro-phrìseil uime sin, a Dhè,
Do smaointean uile leam;
’S ro-lìonmhor mòr rin àireamh iad,
’s rin cur air cunntas cheann.
18Rin àireamh ’s mòr gur lìonmhoir’ iad
na gaineamh mhìn na tràigh’
Air mosgladh as mo chadal dhomh,
tàim maille riut a-ghnàth.
19Marbhar an t-aingidh leat gu beachd,
O Thighearna ro-threun;
A-nis, O dhaoine fuileachdach,
imichibh uam an cèin.
20Oir labhair iad ad aghaidh, Dhè,
le aing’eachd easaontais;
Is thug do naimhdean mìorunach
d’ainm naomh an dìomhanas.
21Nach eil mi tabhairt fuath, a Dhia,
don dream thug dhutsa fuath?
Nach eil mi gabhail gràin don dream
ad aghaidh dh’èirich suas?
22Fuath iomlan thug mi dhaibh gu beachd;
mar naimhdibh nì m’ am meas.
23Rannsaich mi, Dhè, mo chridhe faic;
mo smaointean feuch, dearbh mis’.
24Feuch agus amhairc fhèin a bheil
sligh’ aingidh olc am chlè;
Is anns an t-slighe shìorraidh chòir
gu dìreach treòraich mi.

Currently Selected:

Sailm 139: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy