Parallel
3
Eòin Baistidh ag Ullachadh na Slighe
1Anns na làithean sin thàinig Eòin Baistidh a' searmonachadh ann am fàsach Iudèa, 2ag ràdh, “Dèanaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh faisg air làimh.” 3Oir is e seo esan mun do bhruidhinn Isaiah am fàidh nuair a thuirt e:
“Guth aoin ag èigheach anns an fhàsach,
‘Ullaichibh slighe an Tighearna,
dèanaibh a fhrith‑rathaidean dìreach.’”#Isa. 40:3
4A‑nis bha aodach de dh'fhionnadh chàmhal aig Eòin air fhèin agus crios leathair ma mheadhan, agus is e lòcaist agus mil fhiadhaich a bu bhiadh dha. 5An uair sin bha Ierusalem agus Iudèa uile agus an ceàrnaidh uile mu thimcheall air Iòrdan a' dol a‑mach thuige 6agus bha e gam baisteadh ann an Abhainn Iòrdain, is iad ag aideachadh am peacaidhean.
7Ach nuair a chunnaic e mòran dhe na Pharasaich agus dhe na Sadusaich a' tighinn airson baisteadh, thuirt e riutha, “A shìol nan nathraichean nimhe, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on chorraich a tha ri thighinn? 8Thugaibh a‑mach toradh iomchaidh an aithreachais. 9Agus na smaoinichibh a ràdh rib' fhèin, ‘Tha athair againn, Abrahàm!’ Oir tha mi ag ràdh ribh gu bheil Dia comasach air clann a thogail suas do dh'Abrahàm o na clachan seo. 10Ach mu thràth tha an tuagh air a cur ri bun nan craobh; mar sin gach craobh nach toir a‑mach toradh math, thèid a gearradh sìos, agus a tilgeil dhan teine.
11“Tha mise gur baisteadh le uisge airson aithreachais, ach tha esan a tha a' tighinn às mo dhèidh nas cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air a chuarain a ghiùlain. Baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine. 12Tha a ghuit aige na làimh, agus glanaidh e an t‑ùrlar‑bualaidh aige, agus cruinnichidh e a chruithneachd dha shabhal, ach loisgidh e am moll le teine nach urrainn a bhith air a chur às.”
Baisteadh Ìosa
13An uair sin thàinig Ìosa o Ghalile chun na h‑Iòrdain gu Eòin, airson gum biodh e air a bhaisteadh leis. 14Ach dh'fheuch Eòin ri a bhacadh, ag ràdh, “Tha feum agamsa a bhith air mo bhaisteadh leatsa, agus a bheil thusa a' tighinn thugamsa?”
15Ach fhreagair Ìosa e, “Leig leis a bhith mar seo an‑dràsta, oir mar seo tha e iomchaidh dhuinn gach uile fhìreantachd a choileanadh.” An uair sin leig e leis.
16Agus nuair a chaidh Ìosa a bhaisteadh, sa bhad chaidh e suas às an uisge, agus seall, chaidh na nèamhan fhosgladh dha, agus chunnaic e Spiorad Dhè a' tighinn sìos mar chalman agus a' tighinn air. 17Agus seall, thuirt guth o nèamh, “Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mi fìor thoilichte.”