Parallel
26
Innleachd an aghaidh Ìosa
1Nuair a bha Ìosa air crìoch a chur air na faclan seo uile, thuirt e ri a dheisciobail, 2“Tha fios agaibh gu bheil a' Chàisg gu bhith ann às dèidh dà latha agus gum bi Mac an Duine air a bhrath airson a cheusadh.”
3An uair sin chruinnich na h‑àrd‑shagartan agus èildearan an t‑sluaigh ann an lùchairt an àrd‑shagairt, dham b' ainm Caiaphas, 4agus ghabh iad comhairle le chèile airson Ìosa a chur an greim le foill agus a chur gu bàs. 5Ach thuirt iad, “Chan ann aig àm na fèille, air eagal 's gum bi aimhreit am measg an t‑sluaigh.”
Ìosa air Ungadh aig Betani
6A‑nis nuair a bha Ìosa ann am Betani ann an taigh Shìmoin an lobhar, 7thàinig boireannach thuige le crogan alabastair de dh'acfhainn ro luachmhor, agus dhòirt i air a cheann e fhad 's a bha e na shuidhe aig bòrd.
8Agus nuair a chunnaic na deisciobail seo, bha iad diombach, ag ràdh, “Carson a tha an t‑ana‑caitheamh seo? 9Oir dh'fhaodadh an acfhainn seo a bhith air a reic air prìs mhòr agus sin a bhith air a thoirt do na bochdan.”
10Ach, mothachail mun seo, thuirt Ìosa riutha, “Carson a tha sibh a' cur dragh air a' bhoireannach? Oir rinn i gnìomh àlainn dhòmhsa. 11Oir tha na bochdan an‑còmhnaidh agaibh còmhla ribh#Deut. 15:11. Ach cha bhi mise an‑còmhnaidh agaibh. 12Nuair a dhòirt i an acfhainn seo air mo chorp‑sa rinn i e airson m' ullachadh airson adhlacadh. 13Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e càit an tèid an soisgeul seo a shearmonachadh air feadh an t‑saoghail gu lèir, bidh an rud a rinn i air innse mar chuimhneachan oirre.”
Iùdas ag Aontachadh Ìosa a Bhrath
14An uair sin chaidh aon dhen dà fhear dheug, dham b' ainm Iùdas Iscariot, gu na h‑àrd‑shagartan 15agus thuirt e, “Dè tha sibh deònach a thoirt dhomh ma bhrathas mi dhuibh e?” Agus phàigh iad trithead bonn airgid dha.#26:15 Is e sin 120 denarius 16Agus on àm sin a‑mach bha e a' sireadh cothrom iomchaidh airson esan a bhrath.
Suipear an Tighearna
17Air a' chiad latha de dh'Fhèill an Arain Neo‑Ghortaichte, thàinig na deisciobail gu Ìosa, ag ràdh ris, “Càit am bu toigh leat gun ullaicheamaid dhut airson 's gun itheadh tu a' Chàisg?”
18Thuirt esan, “Thallaibh a‑steach dhan bhaile gu duine sònraichte agus canaibh ris, ‘Tha am Fear‑Teagaisg ag ràdh: Tha m' àm faisg air làimh. Cumaidh mi a' Chàisg aig do thaigh‑sa còmhla rim dheisciobail.’” 19Agus rinn na deisciobail mar a dh'òrdaich Ìosa dhaibh, is dh'ullaich iad a' Chàisg.
20Nuair a bha am feasgar air tighinn, shuidh Ìosa aig bòrd còmhla ris an dà fhear dheug. 21Agus fhad 's a bha iad ag ithe, thuirt e, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibhse mise.”
22Thòisich iad air a bhith ro thùrsach, agus air a ràdh ris, fear mu seach, “Cha mhise e, am mi, a Thighearna?”
23Fhreagair esan, “Am fear a bhog a làmh anns an t‑soitheach còmhla riumsa, brathaidh e mise. 24Thèid Mac an Duine air falbh dìreach mar a tha e sgrìobhte ma dheidhinn, ach is mairg dhan fhear sin leis an tèid Mac an Duine a bhrath; bhiodh e na b' fheàrr dhan duine sin mura robh e air a bhreith riamh.”
25An uair sin fhreagair Iùdas, a bha a' dol ga bhrath, “Cha mhise e a Rabaidh, am mi?”
Thuirt esan ris, “'S tu a thuirt e.”
26Fhad 's a bha iad ag ithe, ghabh Ìosa thuige aran, agus às dèidh a bheannachadh, bhris e e is thug e dha na deisciobail e, agus thuirt e, “Gabhaibh, ithibh, is e seo mo chorp‑sa.”
27Agus ghabh e thuige cupa, agus às dèidh dha taing a thoirt, thug e dhaibh e, ag ràdh, “Òlaibh uile às a seo, 28oir is i seo m' fhuil‑sa, fuil a' chùmhnaint, a tha air a dòrtadh a‑mach airson mhòran airson mathanas pheachaidhean. 29Tha mi ag ràdh ribh, chan òl mi à seo suas de thoradh seo an fhìonain gus an latha sin nuair a dh'òlas mi nuadh e còmhla ribhse ann an rìoghachd m' Athar.”
30Nuair a bha iad air laoidh a sheinn chaidh iad a‑mach gu Beinn nan Crann‑Ola.
Ìosa a' Ro‑Innse mu Àicheadh Pheadair
31An uair sin thuirt Ìosa riutha, “Bidh sibh uile air ur sgainnealachadh asam air an oidhche seo, oir tha e sgrìobhte:
“‘Buailidh mi am buachaille,
agus sgapar caoraich an treuda.’#Sech. 13:7
32“Ach às dèidh m' aiseirigh, thèid mi romhaibh do Ghalile.”
33Fhreagair Peadar e, “Ged a thèid iadsan uile an sgainnealachadh asad, cha tèid mise mo sgainnealachadh a‑chaoidh.”
34Thuirt Ìosa ris, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, air a' cheart oidhche seo, mun gairm an coileach, àicheidh tu mi trì tursan.”
35Thuirt Peadar ris, “Ged a dh'fheumainn bàsachadh còmhla riut, chan àichinn thu.” Agus thuirt na deisciobail uile an aon rud.
Getsemane
36An uair sin chaidh Ìosa còmhla riutha gu àite dham b' ainm Getsemane, agus thuirt e ri a dheisciobail, “Suidhibh‑se an seo, fhad 's a thèid mise a‑null an siud a dh'ùrnaigh.” 37Agus thug e leis Peadar agus dithis mhac Shebede, agus thòisich e air a bhith tùrsach, agus air a bhuaireadh. 38An uair sin thuirt e riutha, “Tha m' anam ro bhrònach, fiù 's gu bàs. Fuirichibh an seo agus dèanaibh faire còmhla riumsa.”
39Agus a' dol beagan na b' fhaide air adhart, thuit e air aghaidh, agus rinn e ùrnaigh, ag ràdh, “M' Athair, ma tha e an comas, leig leis a' chupa seo a dhol seachad orm. A dh'aindeoin sin, chan ann mar as toigh leamsa, ach mar as toigh leatsa.”
40Agus thàinig e chun nan deisciobal agus fhuair e iadsan nan cadal, agus thuirt e ri Peadar, “Seadh, nach b' urrainn dhuibh faire a dhèanamh còmhla rium airson uair a thìde? 41Dèanaibh faire agus ùrnaigh airson 's nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu deimhinn deònach, ach tha an fheòil lag.”
42A‑rithist, an dara uair chaidh e air falbh agus rinn e ùrnaigh: “M' Athair, mas e 's nach urrainn dhan a seo a dhol seachad mura h‑òl mi e, do thoil‑sa gu robh dèante.”
43Agus a‑rithist thàinig e agus fhuair e nan cadal iad, oir bha an sùilean trom. 44Agus nuair a dh'fhàg e iad a‑rithist chaidh e air falbh, rinn e ùrnaigh an treas uair, ag ràdh na h‑aon bhriathran a‑rithist.
45An uair sin thàinig e chun nan deisciobal agus thuirt e riutha, “A bheil sibh fhathast a' cadal 's a' gabhail fois?#26:45 No: “Caidlibh oirbh agus gabhaibh fois” Seallaibh, tha an uair faisg air làimh, agus tha Mac an Duine air a bhrath do làmhan pheacach. 46Èiribh! Rachamaid! Seallaibh, tha mo neach‑brathaidh air tighinn faisg!”
Ìosa air a Chur an Grèim
47Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, seall, thàinig Iùdas, aon dhen dà fhear dheug, agus sluagh mòr còmhla ris le claidheamhan agus cuaillean, o àrd‑shagartan agus èildearan an t‑shluaigh. 48A‑nis bha an neach‑brathaidh air comharra a thoirt dhaibh, ag ràdh, “Am fear dhan toir mise pòg, 's e sin e; glacaibh e.” 49Agus chaidh e dìreach gu Ìosa agus thuirt e, “Fàilte, a Rabaidh!” Agus phòg e e.
50Thuirt Ìosa ris, “A charaid, dèan an rud a thàinig thu a dhèanamh.”
An uair sin thàinig iad agus chuir iad an làmhan air Ìosa agus ghlac iad e. 51Agus seall, shìn fear dhiubhsan a bha còmhla ri Ìosa a‑mach a làimh, tharraing e a chlaidheamh agus bhuail e seirbheiseach an àrd‑shagairt agus gheàrr e a chluas dheth.
52An uair sin thuirt Ìosa ris, “Cuir do chlaidheamh air ais na àite fhèin. Oir iadsan uile a ghlacas an claidheamh, tuitidh iad leis a' chlaidheamh. 53A bheil thu a' saoilsinn nach urrainn dhòmhsa guidhe air m' Athair, agus bheir e dhomh sa bhad barrachd air dà lègion dheug de dh'ainglean? 54Ach ciamar an uair sin a bhiodh na Sgriobtaran air an coileanadh, a tha ag ràdh gur ann mar seo a dh'fheumas tachairt?”
55Aig an àm sin thuirt Ìosa ris an t‑sluagh, “An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le cuaillean gam ghlacadh‑sa mar gum b' e gadaiche a bh' annam? Shuidh mi gach latha san teampall a' teagasg, agus cha do ghlac sibh mi. 56Ach thachair seo uile airson 's gum biodh sgrìobhaidhean nam fàidhean air an coileanadh.” An uair sin dh'fhàg na deisciobail uile e agus theich iad.
Mu choinneamh na Comhairle
57Agus thug iadsan a ghlac Ìosa gu Caiaphas an t‑àrd‑shagart e, far an robh na sgrìobhaichean agus na h‑èildearan air cruinneachadh. 58Agus bha Peadar ga leantainn pìos às, cho fada ri cùirt‑lios an àird‑shagairt, agus chaidh e a‑steach, agus shuidh e còmhla ris na seirbheisich a dh'fhaicinn deireadh na cùise.
59A‑nis bha na h‑àrd‑shagartan agus a' Chomhairle gu lèir a' sireadh fianais bhrèige an aghaidh Ìosa, airson 's gun cuireadh iad gu bàs e. 60Agus cha d' fhuair iad i, ged a thàinig mòran fhianaisean brèige air adhart. Ach mu dheireadh, thàinig dithis air adhart 61agus thuirt iad, “Thuirt an duine seo, ‘Tha mise an comas teampall Dhè a leagail, agus a thogail a‑rithist ann an trì latha.’”
62Agus sheas an t‑àrd‑shagart suas agus thuirt e ris, “Nach eil freagairt idir agad? Dè an fhianais a tha iad seo a' togail nad aghaidh?” 63Ach dh'fhan Ìosa sàmhach.
Agus thuirt an t‑àrd‑shagart ris, “Tha mi gad chur fo mhionnan tron Dia bheò, innis dhuinn mas tu an Crìosd, Mac Dhè?”
64Thuirt Ìosa ris, “Thuirt thu e. Ach tha mi ag ràdh ribh, às dèidh seo chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deas‑làimh a' Chumhachd, agus a' tighinn air neòil nèimh.#Salm 110:1; Dan. 7:13
65An uair sin shrac an t‑àrd‑shagart aodach‑uachdair, ag ràdh, “Tha e air toibheum a ràdh. Dè am feum a th' againn tuilleadh air fianaisean? Chuala sibh a‑nis an toibheum. 66Dè ur beachd?”
Fhreagair iad, “Tha e airidh air bàs!”
67An uair sin thilg iad smugaidean na aodann agus bhuail iad e. Agus thug feadhainn eile sgailcean dha, 68ag ràdh, “Dèan fàidheadaireachd dhuinn, thusa a Chrìosd. Cò a thug buille dhut?”
Peadar ag Àicheadh Ìosa
69A‑nis bha Peadar na shuidhe a‑muigh sa chùirt‑lios. Agus thàinig bana‑sheirbheiseach suas thuige agus thuirt i, “Bha thusa cuideachd còmhla ri Ìosa an Galilèach.”
70Ach dh'àich esan e mun coinneamh gu lèir, ag ràdh, “Chan eil fhios a'm dè a tha thu ag ràdh.”
71Agus nuair a chaidh e a‑mach dhan fhor‑dhoras, chunnaic tèile e agus thuirt i riuthasan a bha an sin, “Bha am fear seo còmhla ri Ìosa o Nàsaret.”
72Agus a‑rithist dh'àich e e le mionnan, ag ràdh, “Chan aithne dhomh an duine.”
73Às dèidh greiseag thàinig an fheadhainn a bha nan seasamh mun cuairt suas, agus thuirt iad ri Peadar, “Gu fìrinneach is e fear dhiubh a th' annadsa cuideachd, oir tha blas do chainnt gad bhrath.”
74An uair sin thòisich e air mallachadh 's air mionnachadh, ag ràdh, “Chan aithne dhomh an duine!”
Agus sa bhad ghairm coileach. 75Is chuimhnich Peadar air dè a thuirt Ìosa, “Mun ghairm coileach, àicheidh tu mi trì tursan.” Agus chaidh e a‑mach is chaoin e gu geur.