Parallel
25
Cosamhlachd nan Deichnear Òigh
1“An uair sin bidh rìoghachd nèimh coltach ri deichnear òighean a thug an lampaichean leotha agus a chaidh a‑mach a choinneachadh fear na bainnse. 2Bha còignear dhiubh amaideach agus còignear glic. 3Oir nuair a thug iadsan a bha amaideach an lampaichean leotha, cha tug iad ola leotha. 4Ach thug iadsan a bha glic ola leotha ann an soithichean cuide rin lampaichean. 5Fhad 's a bha fear na bainnse a' dèanamh dàil, dh'fhàs iadsan uile cadalach agus chaidil iad.
6“Ach aig meadhan‑oidhche bha èigh ann: ‘Seall, fear na bainnse! Thigibh a‑mach ga choinneachadh.’
7“An uair sin dh'èirich na h‑òighean sin gu lèir agus dheasaich iad an lampaichean. 8Agus thuirt an fheadhainn amaideach riuthasan a bha glic, ‘Thoiribh dhuinn cuid dhe ur n‑ola, oir tha ar lampaichean a' dol às.’
9“Ach fhreagair an fheadhainn ghlice, ‘Air eagal 's nach bi gu leòr ann dhuinn fhèin is dhuibhse, an àite sin, thallaibh chun a' luchd‑malairt agus ceannaichibh beagan dhuib' fhèin.
10“Ach fhad 's a bha iad a' dol a cheannach, thàinig fear na bainnse, is chaidh iadsan a bha deiseil a‑steach còmhla ris gu fèist na bainnse, agus chaidh an doras a dhùnadh.
11“Às dèidh sin, thàinig na h‑òighean eile cuideachd, ag ràdh, ‘A thighearna, a thighearna, fosgail dhuinne.’
12“Ach fhreagair esan, ‘Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, chan aithne dhomh sibh.’
13“Mar sin dèanaibh faire, air sgàth 's nach aithne dhuibh an latha no an uair.
Cosamhlachd nan Tàlann
14“Oir bidh e coltach ri duine a' dol air turas, a ghairm a sheirbheisich fhèin agus a dh'earb a sheilbh dhaibh. 15Do dh'aon thug e còig tàlannan, do neach eile a dhà, agus do neach eile aon fhear, do gach aon a rèir a chomais fhèin. Agus chaidh e air a thuras. 16Chaidh am fear a fhuair na còig tàlannan is rinn e malairt leotha agus bhuannaich e còig tàlannan eile. 17Mar sin cuideachd esan a fhuair na dhà, bhuannaich e a dhà eile. 18Ach an neach a fhuair aon fhear, dh'fhalbh e is chladhaich e san talamh, agus dh'fhalaich e airgead a mhaighstir.
19“A‑nis às dèidh ùine fhada thàinig maighstir nan seirbheiseach sin agus chuir e an cunntas an òrdugh leotha. 20Agus thàinig esan a fhuair na còig tàlannan air adhart a' toirt còig tàlannan eile leis, ag ràdh, ‘A mhaighstir, thug thu dhòmhsa còig tàlannan. Seall, bhuannaich mi còig eile.’
21“Thuirt a mhaighstir ris, ‘Is math a rinn thu, a sheirbheisich mhaith is dhìleis. Bha thusa dìleas thairis air beagan; cuiridh mise os cionn mhòran thu. Thig a‑steach do dh'aoibhneas do mhaighstir!’
22“Agus thàinig esan cuideachd a fhuair an dà thàlann air adhart, agus thuirt e, ‘A mhaighstir, thug thu dhòmhsa dà thàlann. Seall, bhuannaich mi dà thàlann eile.’
23“Thuirt a mhaighstir ris, ‘Is math a rinn thu, a sheirbheisich mhaith is dhìleis. Bha thusa dìleas thairis air beagan; cuiridh mise os cionn mhòran thu. Thig a‑steach do dh'aoibhneas do mhaighstir.’
24“Ach nuair a thàinig esan a fhuair an t‑aon thàlann air adhart, thuirt e, ‘A mhaighstir, bha fios agam gur e duine cruaidh a th' annad, a' buain far nach do chuir thu, agus a' cruinneachadh far nach do sgaoil thu sìol; 25mar sin bha an t‑eagal orm, is dh'fhalbh mi agus dh'fhalaich mi do thàlann san talamh. Seall, sin agad do chuid fhèin.’
26“Ach fhreagair a mhaighstir e, ‘A sheirbheisich uilc agus leisg! Bha fios agad gu bheil mi a' buain far nach do chuir mi, agus a' cruinneachadh far nach do sgaoil mi sìol? 27Mar sin bu chòir dhut a bhith air m' airgead a chur an seilbh le na malairtich, agus air tilleadh bhithinn air mo chuid fhèin fhaighinn le riadh.
28“‘Mar sin thoiribh an tàlann uaithe, agus thoiribh dhàsan e aig a bheil na deich tàlannan. 29Oir dhan a h‑uile neach aig a bheil thèid barrachd a thoirt, agus bidh pailteas aige. Ach uaitheasan aig nach eil thèid fiù 's na tha aige a thoirt uaithe. 30Agus tilgibh an seirbheiseach gun luach seo dhan dorchadas as fhaide a‑muigh. San àite sin bidh caoineadh is gìosgan fhiacal.’
Na Caoraich 's na Gobhair
31“Nuair a thig Mac an Duine na ghlòir, agus na h‑ainglean naomha uile còmhla ris, suidhidh an e uair sin air rìgh‑chathair a ghlòire. 32Bidh a h‑uile nàisean air an cruinneachadh mu choinneamh, agus sgaraidh e o chèile iad, mar a sgaras buachaille na caoraich o na gobhair. 33Agus cuiridh e na caoraich air a làimh dheis, ach na gobhair air a làimh chlì.
34“An uair sin canaidh an Rìgh riuthasan air a làimh dheis, ‘Thigibh, sibhse a tha beannaichte lem Athair‑sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a th' air a deasachadh dhuibh o bhunait an t‑saoghail. 35Oir bha mi acrach, agus thug sibh biadh dhomh; bha mi pàiteach agus thug sibh deoch dhomh; bha mi nam choigreach agus chuir sibh fàilte orm; 36bha mi rùisgte agus chuir sibh aodach orm; bha mi tinn agus thadhail sibh orm; bha mi sa phrìosan agus thàinig sibh thugam.’
37“An uair sin freagraidh na fìreanan e, ag ràdh, ‘A Thighearna, cuin a chunnaic sinn acrach thu agus a thug sinn biadh dhut, no pàiteach agus a thug sinn deoch dhut? 38Agus cuin a chunnaic sinn nad choigreach thu agus a chuir sinn fàilte ort, no rùisgte agus a chuir sinn aodach ort? 39Agus cuin a chunnaic sinn tinn thu, no ann am prìosan agus a thàinig sinn thugad?’
40“Agus freagraidh an Rìgh iad, ‘Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, chun na h‑ìre a rinn sibh e do dh'aon dhe na bràithrean as lugha agamsa, rinn sibh dhòmhsa e.
41“An uair sin canaidh e riuthasan air a làimh chlì, ‘Thallaibh uam, a luchd mhallaichte, dhan teine sìorraidh a chaidh ullachadh dhan diabhal agus dha na h‑ainglean aige. 42oir bha mi acrach agus cha tug sibh sìon dhomh ri ithe; bha mi pàiteach agus cha tug sibh deoch dhomh; 43bha mi nam choigreach agus cha do chuir sibh fàilte orm; rùisgte agus cha do chuir sibh aodach orm; tinn agus ann am prìosan agus cha tàinig sibh a choimhead orm.’
44“An uair sin freagraidh iadsan cuideachd, ag ràdh, ‘A Thighearna, cuin a chunnaic sinne acrach thu, no pàiteach, no nad choigreach, no rùisgte, no tinn, no ann am prìosan, agus nach do fhritheil sinn dhut?’
45“An uair sin freagraidh esan iad, ag ràdh, ‘Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, chun na h‑ìre nach do rinn sibh e dhan neach as lugha dhiubh seo, cha do rinn sibh dhòmhsa e.’
46“Agus thèid iadsan air falbh, a‑steach do pheanas sìorraidh, ach na fìreanan chun na beatha shìorraidh.”