Parallel
24
Comharran Deireadh na Linne
1Dh'fhàg Ìosa an teampall agus bha e a' falbh nuair a thàinig a dheisciobail thuige a shealltainn dha togalaichean an teampaill. 2Ach gam freagairt thuirt Ìosa, “A bheil sibh a' faicinn na rudan seo gu lèir? Gu fìrinneach, tha mi ag ràdh ribh nach bi clach air a fàgail air muin cloiche nach tèid a leagail sìos.”
3Fhad 's a bha e na shuidhe air Beinn nan Crann‑Ola, thàinig na deisciobail thuige gu prìobhaideach, ag ràdh, “Innis dhuinne cuin a thachras na rudan seo, agus dè an comharra a bhios ann airson do theachd‑sa, agus deireadh na linne?”
4Agus fhreagair Ìosa iad, “Thoiribh an aire nach meall neach sam bith sibh. 5Oir thig mòran nam ainm‑sa, ag ràdh, ‘Is mise an Crìosd,’ agus meallaidh iad mòran. 6Agus cluinnidh sibh mu chogaidhean agus fathannan mu chogaidhean. Thoiribh an aire nach bi sibh fo dhragh, oir feumaidh seo tachairt, ach chan eil a' chrìoch ann fhathast. 7Oir èiridh nàisean an aghaidh nàisein, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd. Bidh gortan agus crithean‑talmhainn ann an iomadh àite. 8Chan eil annta seo uile ach toiseach tòiseachaidh phiantan asaid.
9“An uair sin bheir iad thairis sibh gu àmhghar agus cuiridh iad gu bàs sibh, agus bidh fuath aig a h‑uile nàisean dhuibh air sgàth m' ainme‑sa. 10Agus an uair sin tuitidh mòran air falbh agus brathaidh iad càch‑a‑chèile, agus bidh fuath aca dha chèile. 11Agus èiridh mòran fhàidhean brèige agus meallaidh iad mòran. 12Air sgàth 's gum bi mì‑riaghailteachd air a meudachadh, fuaraichidh gràdh mhòran, 13ach bidh an neach a leanas air chun na crìche air a shàbhaladh. 14Agus bidh an soisgeul seo aig an rìoghachd air a shearmonachadh air feadh an t‑saoghail gu lèir, mar fhianais dha na nàiseanan uile, agus an uair sin thig an deireadh.
15“Mar sin nuair a chì sibhse ‘gràinealachd an lèir‑sgrios’#Dan. 9:27; 11:31; 12:11 air an do bhruidhinn Daniel am fàidh, na seasamh san àite naomh” (tuigeadh an leughadair), 16an uair sin teicheadh iadsan a th' ann an Iudèa gu na beanntan. 17Na tigeadh an neach a th' air mullach an taighe a‑nuas airson rudan a thoirt às a thaigh, 18agus na tilleadh an neach a th' anns an achadh air ais a thogail aodaich uachdair leis. 19Nach truagh dhaibhsan a tha trom agus dhan fheadhainn a tha ag altram leanaban anns na làithean sin! 20Dèanaibh ùrnaigh nach bi ur teicheadh sa gheamhradh, no air Sàbaid. 21Oir an uair sin bidh àmhghar mòr ann, a leithid nach robh ann o thoiseach an t‑saoghail gus a‑nis, agus nach bi ann tuilleadh. 22Agus mura biodh na làithean sin air an giorrachadh, cha bhiodh neach sam bith air a shàbhaladh, ach air sgàth na feadhna thaghte thèid na làithean sin a ghiorrachadh. 23An uair sin ma chanas neach sam bith ribh, ‘Seallaibh, tha an Crìosd an seo!’ no ‘Tha e an sin!’ na creidibh e. 24Oir èiridh crìosdan brèige agus fàidhean brèige is nì iad comharraidhean mòra agus iongantasan, airson 's – nan robh e an comas – fiù 's an fheadhainn thaghte fhèin a mhealladh. 25Seallaibh, tha mi air innse dhuibh ro‑làimh.
26“Mar sin, ma chanas iad ribh, ‘Seallaibh, tha e anns an fhàsach,’ na rachaibh a‑mach, no ‘Seallaibh, tha e anns na seòmraichean as fhaide a‑staigh,’ na creidibh iad. 27Oir mar a thig an dealanach a‑mach às an àird an ear agus a dheàlraicheas e chun na h‑àird an iar, mar sin cuideachd bidh teachd Mhic an Duine. 28Oir ge b' e càit am bi an corp, an sin cruinnichidh na fangan.
29“Sa bhad às dèidh àmhghar nan làithean ud,
“‘bidh a' ghrian air a dorchnachadh,
agus cha toir a' ghealach a solas uaipe;
tuitidh na rionnagan o nèamh,
agus bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.’#Isa. 13:10; 34:4; Esec. 32:7; Ioel 2:10, 31; 3:15
30“An uair sin nochdaidh comharra Mhic an Duine ann an nèamh, 's an uair sin nì treubhan na talmhainn gu lèir caoidh, agus chì iad Mac an Duine a' tighinn air sgòthan nèimh, le cumhachd agus glòir ro mhòr. 31Agus cuiridh e a‑mach na h‑ainglean aige le gairm àrd trompaid, agus cruinnichidh iad an fheadhainn thaghte aige o na ceithir gaothan, o aon cheann de nèimh gus an ceann eile.
32“Ionnsaichibh cosamhlachd on chraoibh‑fhìge: cho luath 's a bhios a geug bog, agus a chuireas i a‑mach a duilleach, tha fios agaibh gu bheil an samhradh faisg. 33Mar sin leibhse cuideachd: nuair a chì sibh na rudan seo uile, biodh fhios agaibh gu bheil e faisg, aig na dorsan fhèin. 34Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach tèid an ginealach seo seachad gus an tachair na rudan seo uile. 35Thèid nèamh agus talamh seachad, ach cha tèid mo bhriathran‑sa seachad idir.
An Latha agus an Uair Neo‑Aithnichte
36“Ach a thaobh an latha sin no an uair, chan aithne do neach sam bith, fiù 's ainglean nèimh, no am Mac, ach dìreach an t‑Athair a‑mhàin. 37Oir mar a bha làithean Nòah, mar sin bidh teachd Mhic an Duine. 38Oir mar anns na làithean ron tuil, bha iad ag ithe 's ag òl, a' pòsadh 's a' toirt ann am pòsadh, gus an latha san deach Nòah a‑steach dhan àirc, 39agus nach robh sìon a dh'fhios aca gus an tàinig an tuil, is thog i leatha iad uile. Mar sin bidh teachd Mhic an Duine. 40An uair sin bidh dithis fhear anns an achadh; thèid fear a ghabhail agus thèid am fear eile fhàgail. 41Bidh dithis bhoireannach a' bleith anns a' mhuileann; thèid aon tè a gabhail agus thèid an tèile a fàgail.
42“Mar sin, dèanaibh faire, oir chan eil fios agaibh dè an latha air an tig ur Tighearna. 43Ach bithibh cinnteach mun seo: nan robh fios air a bhith aig maighstir an taighe mun uair dhen oidhche san tigeadh am mèirleach, bhiodh e air faire a dhèanamh agus cha bhiodh e air a thaigh fhàgail airson 's gun deigheadh briseadh a‑steach ann. 44Air an adhbhar sin, feumaidh sibhse cuideachd a bhith deiseil, oir tha Mac an Duine a' tighinn aig uair nach eil sibh a' sùileachadh.
45“Cò, mar sin, a tha na sheirbheiseach dìleas agus glic, a chuir a mhaighstir os cionn seirbheisich a thaighe, a thoirt am bìdh dhaibh aig an àm cheart? 46Is beannaichte an seirbheiseach sin nuair a lorgas a mhaighstir e a' dèanamh mar seo nuair a thig e. 47Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, suidhichidh e os cionn a chuid gu lèir e. 48Ach ma chanas an seirbheiseach aingidh ud na chridhe, ‘Tha mo mhaighstir a' dèanamh dàil,’ 49agus ma thòisicheas e air a cho‑sheirbheisich a bhualadh, agus air ithe is òl còmhla ri drungairean, 50thig maighstir an t‑seirbheisich sin air latha anns nach eil sùil aige ris, agus aig uair nach aithne dha, 51agus gearraidh e na phìosan e agus bheir e àite dha còmhla ri na breug‑chràbhaichean. An sin bidh caoineadh is gìosgan fhiacal.