YouVersion Logo
Search Icon

Mata 22

22
Cosamhlachd Bangaid na Bainnse
1Agus bhruidhinn Ìosa riutha a‑rithist ann an cosamhlachdan, ag ràdh, 2“Faodaidh rìoghachd nèimh a bhith air a samhlachadh ri rìgh a rinn fèist‑bainnse dha mhac. 3Agus chuir e a sheirbheisich a ghairm air an fheadhainn a fhuair cuireadh gu fèist na bainnse. Ach cha robh iad deònach tighinn.
4“A‑rithist, chuir e a‑mach seirbheisich eile, ag ràdh, ‘Canaibh‑se riuthasan a fhuair cuireadh, “Seall, dheasaich mi mo dhìnnear, chaidh mo dhaimh is mo chrodh bhiadhte am marbhadh, agus tha a h‑uile sìon deiseil. Thigibh chun na bainnse.”’
5“Ach cha do ghabh iad feairt dha agus rinn iad às, fear dhiubh chun an achaidh aige, agus fear eile chun na h‑obrach mhalairt aige, 6agus rug an còrr dhiubh air a sheirbheisich, agus làimhsich iad gu maslach iad agus mharbh iad iad. 7Ach ghabh an rìgh an fhearg, agus chuir e na h‑armailtean aige a‑mach agus sgrios e na murtairean sin, agus loisg e am baile aca.
8“An uair sin thuirt e ri a sheirbheisich, ‘Tha a' bhanais ullaichte, ach chan eil an fheadhainn a fhuair cuireadh airidh. 9Thallaibh, ma‑thà, gu na prìomh rathaidean, agus na h‑uimhir 's a lorgas sibh, thoiribh cuireadh dhaibh chun na bainnse.’ 10Agus chaidh na seirbheisich sin a‑mach air na rathaidean agus chruinnich iad a h‑uile neach a lorg iad, an dà chuid olc is math, agus chaidh talla na bainnse a lìonadh le aoighean.
11“Ach nuair a thàinig an rìgh a‑steach a dh'fhaicinn nan aoighean, chunnaic e an sin duine air nach robh aodach bainnse. 12Agus thuirt e ris, ‘A charaid, ciamar a fhuair thusa a‑steach an seo, gun aodach bainnse ort?’ Agus bha an duine sàmhach. 13An uair sin thuirt an rìgh ri na seirbheisich, ‘Ceanglaibh e làmh is cas agus tilgibh dhan dorchadas às fhaide a‑muigh e; san àite sin bidh caoineadh is gìosgan fhiacal.’
14“Oir tha mòran air an gairm, ach beagan air an taghadh.”
A' Pàigheadh Chìsean do Chèasar
15An uair sin dh'fhalbh na Pharasaich agus ghabh iad comhairle còmhla a thaobh ciamar a dh'fhaodadh iad esan a ghlacadh na chainnt. 16Agus chuir iad an deisciobail thuige, cuide ri na Heròdianaich, ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, tha fios againn gu bheil thusa fìrinneach, agus gu bheil thu a' teagasg slighe Dhè ann am fìrinn, agus nach eil dragh ort mu bheachd neach sam bith, oir chan eil thu a' gabhail suim de choltas dhaoine. 17Innis dhuinn, ma‑thà, dè do bheachd? A bheil e laghail cìs a thoirt do Chèasar no nach eil?”
18Ach, mothachail air am mì‑rùn, thuirt Ìosa, “Carson a tha sibh gam bhuaireadh, a chealgairean? 19Seallaibh dhòmhsa bonn na cìse.” Agus thug iad bonn airgid thuige. 20Agus thuirt Ìosa riutha, “Cò leis a tha an coltas agus an sgrìobhadh seo?”
21Thuirt iadsan ris, “Le Cèasar.”
An uair sin thuirt esan riutha, “Mar sin, thugaibh do Chèasar na rudan a tha le Cèasar, agus do Dhia na rudan a tha le Dia.”
22Agus nuair a chuala iad seo, ghabh iad iongnadh. Agus dh'fhàg iad e, agus dh'fhalbh iad.
Pòsadh san Aiseirigh
23Air an latha sin fhèin thàinig Sadusaich thuige, a chanas nach eil aiseirigh ann, agus cheasnaich iad e, 24ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, thuirt Maois, ‘Ma chaochaileas duine gun chlann aige, feumaidh a bhràthair‑san a' bhean a phòsadh agus sliochd a thogail dha bhràthair.’ 25A‑nis bha seachdnar bhràithrean nar measg‑ne. Phòs a' chiad fhear agus chaochail e, agus a chionn 's nach robh sliochd aige, dh'fhàg e a bhean dha bhràthair. 26Mar sin cuideachd an dara 's an treas, gu ruig an seachdamh fear. 27Agus mu dheireadh chaochail a' bhean. 28Anns an aiseirigh, ma‑thà, cò dhen t‑seachdnar leis am bi i mar bhean? Oir bha i aca uile?”
29Ach fhreagair Ìosa iad, “Tha sibh ceàrr, a chionn 's nach aithne dhuibh na Sgriobtaran no cumhachd Dhè. 30Oir san aiseirigh cha phòs iad, 's cha mhotha a thèid an toirt ann am pòsadh, ach tha iad mar ainglean air nèamh. 31Ach a‑thaobh aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an rud sin a chaidh a ràdh ribh le Dia, 32‘Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Ìsaaic, agus Dia Iàcoib.’#Ecs. 3:6 Chan esan Dia nam marbh, ach nam beò.” 33Agus nuair a chuala an sluagh seo, ghabh iad iongnadh ma theagasg‑san.
An Àithne as Motha
34Ach nuair a chuala na Pharasaich gun robh Ìosa air na Sadusaich a chur nan tost, chruinnich iad còmhla. 35Agus chuir aon dhiubh, fear‑lagha, ceist air airson a dhearbhadh: 36“Fhir‑Teagaisg, cò i an àithne as motha san lagh?”
37Thuirt e ris, “‘Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam agus led uile inntinn.’#Deut. 6:5 38Is i seo an àithne as motha agus am prìomh thè. 39Agus tha an dara tè coltach rithe seo: ‘Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.’#Lebh. 19:18 40Air an dà àithne seo tha an Lagh gu lèir agus na Fàidhean a' crochadh.”
Cò dha a Tha Crìosd na Mhac?
41A‑nis fhad 's a bha na Pharasaich air an cruinneachadh còmhla, dh'fhaighnich Ìosa ceist dhaibh, 42ag ràdh, “Dè ur beachd‑se mu Chrìosd? Cò dha a tha e na mhac?”
Thuirt iadsan, “Do Dhaibhidh.”
43Thuirt esan riutha, “Ciamar mar sin a ghabhas Daibhidh, san spiorad, ‘a Thighearna’ air? Ag ràdh:
44“‘Thuirt an Tighearna rim Thighearna:
“Suidh aig mo dheas‑làimh
gus an cuir mi do nàimhdean
fod chasan.”’#Salm 110:1
45“Ma ghabhas Daibhidh, mar sin, a Thighearna air, ciamar a tha e na mhac dha?” 46Agus cha robh neach sam bith an comas facal freagairt a thoirt dha; cha mhotha a bu dùraig do neach sam bith, on latha sin suas, an còrr cheistean fhaighneachd dha.

Currently Selected:

Mata 22: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy