Parallel
21
An Dol‑a‑Steach Buadhmhor
1A‑nis nuair a thàinig iad faisg air Ierusalem agus a thàinig iad gu Betphage, gu Beinn nan Crann‑Ola, chuir Ìosa air falbh dithis dheisciobal, 2ag ràdh riutha, “Thallaibh a‑steach dhan bhaile a tha mur coinneamh, agus sa bhad gheibh sibh asal ceangailte, agus searrach còmhla rithe. Fuasglaibh iad, agus thugaibh thugamsa iad. 3Ma chanas neach sam bith rud sam bith ribh, canaibh, ‘Tha feum aig an Tighearna orra agus cuiridh e air ais sa bhad iad.’”
4Thachair seo airson 's gun coileante an rud a chaidh a ràdh tron fhàidh:
5“Canaibh ri nighean Shioin,
‘Seall, tha do rìgh a' tighinn thugad,
iriosal, agus na shuidhe air asal,
agus air searrach, loth asail.’”#Sech. 9:9
6Chaidh na deisciobail agus rinn iad dìreach mar a dh'àithn Ìosa dhaibh. 7Thug iad an t‑asal agus an searrach thuige, agus chuir iad an cuid aodaich uachdair orra, agus shuidh esan orrasan. 8Sgaoil a' mhòr‑chuid dhen t‑sluagh an aodach‑uachdair air an rathad, agus gheàrr feadhainn eile geugan far nan craobh, agus sgaoil iad air an rathad iad. 9Agus bha an sluagh a chaidh air thoiseach air agus a lean e ag èigheach:
“Hosanna do Mhac Dhaibhidh!
‘Is beannaichte esan a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna!’#Salm 118:26
Hosanna anns na h‑àrdan!”
10Agus nuair a chaidh e a‑steach do dh'Ierusalem, chaidh am baile uile air bhoil ag ràdh, “Cò tha seo?”
11Agus thuirt an sluagh, “Is e seo Ìosa am fàidh o Nàsaret Ghalile.”
Ìosa aig an Teampall
12Agus chaidh Ìosa a‑steach dhan teampall, agus thilg e a‑mach iadsan uile a bha a' reic 's a' ceannach san teampall, agus chuir e car de bhùird luchd‑malairt an airgid is cathraichean luchd‑reic nan calman. 13Agus thuirt e riutha, “Tha e sgrìobhte, ‘Thèid taigh‑ùrnaigh a ghabhail air mo thaigh‑sa, ach tha sibhse a' dèanamh uamh mhèirleach dheth.’#Isa. 56:7; Ier. 7:11
14Agus thàinig na doill is na bacaich thuige san teampall, agus shlànaich e iad. 15Ach nuair a chunnaic na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean na rudan iongantach a rinn e, agus a' chlann ag èigheach a‑mach san teampall ag ràdh, “Hosanna do Mhac Dhaibhidh!” bha iad feargach.
16Agus thuirt iad ris, “A bheil thu a' cluinntinn dè a tha iad sin ag ràdh?”
Agus thuirt Ìosa riutha, “Tha. Nach do leugh sibhse riamh:
‘A‑mach à beul naoidhean agus chìochran
dh'ullaich thu moladh’#Salm 8:2?”
17Agus gam fàgail, chaidh e a‑mach às a' bhaile gu Betani, agus chuir e seachad an oidhche an sin.
A' Chraobh‑Fhìge Sheargte
18Anns a' mhadainn, fhad 's a bha e a' tilleadh dhan bhaile, bha Ìosa acrach. 19Agus a' faicinn craobh‑fhìge ri taobh an rathaid, chaidh e thuice agus cha d' fhuair e rud sam bith oirre, ach duilleach a‑mhàin. Agus thuirt e rithe, “Na leigeadh gum fàsadh toradh gu bràth tuilleadh ort!” Agus sa bhad chrìon a' chraobh‑fhìge às.
20Nuair a chunnaic na deisciobail e, ghabh iad iongnadh, ag ràdh, “Ciamar a chrìon a' chraobh‑fhìge sa bhad?”
21Ach fhreagair Ìosa iad, “Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, ma bhios creideamh agaibh agus nach bi sibh fo amharas‑cridhe, chan e a‑mhàin gun dèan sibh na chaidh a dhèanamh air a' chraobh‑fhìge, ach fiù 's ma chanas sibh ris a' bheinn seo, ‘Bidh air do thogail agus air do thilgeil dhan mhuir,’ tachraidh e. 22Agus ge b' e dè na rudan a dh'iarras sibh ann an ùrnaigh, ma chreideas sibh, gheibh sibh iad.”
Ùghdarras Ìosa air a Cheasnachadh
23Agus nuair a chaidh Ìosa a‑steach dhan teampall, thàinig na h‑àrd‑shagartan agus èildearan an t‑sluaigh thuige fhad 's a bha e a' teagasg, ag ràdh, “Dè an t‑ùghdarras a th' agad airson na rudan seo a dhèanamh? Agus cò a thug dhut an t‑ùghdarras seo?”
24Fhreagair Ìosa iad, “Faighnichidh mise cuideachd aon cheist dhuibhse, agus ma fhreagras sibh mise, innsidh mi cuideachd dhuibhse dè an t‑ùghdarras a th' agamsa airson na rudan seo a dhèanamh. 25An ann o nèamh no o dhaoine a bha baisteadh Eòin?”
Agus rinn iad deasbad nam measg fhèin, ag ràdh, “Ma chanas sinne, ‘O nèamh,’ canaidh esan rinn, ‘Carson ma‑thà nach do chreid sibh e?’ 26Ach ma chanas sinn, ‘O dhaoine,’ tha eagal an t‑sluaigh oirnn, oir tha iad uile a' meas gum b' e fàidh a bh' ann an Eòin.”
27Mar sin fhreagair iad Ìosa, “Chan eil fios againn.”
Agus thuirt esan riutha, “Cha mhotha a dh'innseas mise dhuibhse dè an t‑ùghdarras a th' agamsa airson na rudan seo a dhèanamh.”
Cosamhlachd an Dithis Mhac
28“Dè ur beachd‑se? Bha dithis mhac aig duine, agus thàinig e chun a' chiad mhac, agus thuirt e, ‘A mhic, thalla, dèan obair an‑diugh san fhìon‑lios.’
29“Agus fhreagair esan, ‘Cha dèan,’ ach às dèidh sin, ghabh e aithreachas agus dh'fhalbh e.
30“Agus chaidh e chun a' mhac eile, agus thuirt e an aon rud.
“Agus fhreagair esan, ‘Thèid, a thighearna,’ ach a dh'aindeoin sin, cha do dh'fhalbh e.
31“Cò dhen dithis a rinn toil athar?”
Thuirt iadsan, “A' chiad fhear.”
Thuirt Ìosa riutha, “Gu fìrinneach, tha mise ag ràdh ribh, tha na cìs‑mhaoir agus na siùrsaichean a' dol a‑steach do rìoghachd Dhè romhaibhse. 32Oir thàinig Eòin thugaibh air slighe na fìreantachd agus cha do chreid sibh e, ach chreid na cìs‑mhaoir agus na siùrsaichean e. Agus fiù 's às dèidh dhuibh fhaicinn, cha do rinn sibh aithreachas, airson 's gun creideadh sibh e.
Cosamhlachd nan Droch Thuathanach
33“Èistibh ri cosamhlachd eile. Bha maighstir‑taighe ann, a chuir fìon‑lios, agus chuir e balla timcheall air agus chladhaich e amar‑fìona, agus thog e tùr; agus thug e air mhàl do thuathanaich e agus dh'fhàg e an dùthaich. 34Nuair a thàinig àm an fhogharaidh, chuir e a sheirbheisich gu na tuathanaich airson an toradh aige fhaighinn.
35“Agus rug na tuathanaich air a sheirbheisich agus dhochainn iad fear dhiubh, mharbh iad fear eile, agus chlach iad fear eile. 36A‑rithist, chuir e seirbheisich eile a‑mach, barrachd air a' chiad chuideachd, agus rinn iad an aon rud riuthasan. 37Ach mu dheireadh chuir e a mhac thuca, ag ràdh, ‘Bheir iad urram dham mhac.’
38“Ach nuair a chunnaic na tuathanaich am mac, thuirt iad ri chèile, ‘Is e seo an t‑oighre. Thigibh, marbhamaid e, agus faigheamaid an oighreachd aige.’ 39Agus rug iad air, agus thilg iad a‑mach às an fhìon‑lios e, agus mharbh iad e.
40“Mar sin, nuair a thig am fear leis a bheil am fìon‑lios, dè a nì e ris na tuathanaich sin?”
41Thuirt iad ris, “Bheir e na trustairean sin gu droch chrìoch agus bheir e am fìon‑lios air mhàl do thuathanaich eile a bheir dha an toradh na àm fhèin.”
42Thuirt Ìosa riutha, “Nach do leugh sibh riamh anns na Sgriobtaran:
“‘A' chlach a dhiùlt na clachairean,
chaidh ceann an oisein a dhèanamh dhith;
chaidh seo a dhèanamh leis an Tighearna,
agus is iongantach e nar sùilean‑ne’#Salm 118:22‑23?
43“Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gun tèid rìoghachd Dhè a thoirt uaibhse, agus gun tèid a toirt do shluagh a bheir a‑mach a toradh. 44Agus ge b' e a thuiteas air a' chloich seo, thèid a bhriseadh na phìosan beaga; ach ge b' e cò air an tuit i, pronnaidh i e.”#21:44 Chan eil an rann seo ann an cuid dhe na làmh‑sgrìobhainnean; faic Lùcas 20:18
45Nuair a chuala na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich a chosamhlachdan, thuig iad gun robh e a' bruidhinn mun deidhinn fhèin. 46Agus bha iad a' sireadh cothrom a chur an greim ach bha eagal an t‑sluaigh orra, oir bha iadsan a' meas gum b' e fàidh a bh' ann.