Eòin 19
ABG1992

Eòin 19

19
1An sin air an adhbhar sin ghlac Pilat Iosa, agus sgiùrs e e.
2Agus dh’fhigh na saighdearan crùn droighinn, agus chuir iad air a cheann e, agus chuir iad fallaing phurpair uime,
3Agus thubhairt iad, Fàilte ort, a rìgh nan Iùdhach! Agus bhuail iad lem basan e.
4An sin chaidh Pilat a‑mach a‑rìs, agus thubhairt e riu, Feuch, tha mi ga thoirt a‑mach dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi fhios agaibh nach eil mise a’ faotainn coire sam bith ann.
5An sin thàinig Iosa a‑mach, agus an crùn droighinn air, agus an fhallaing phurpair uime. Agus thubhairt Pilat riu, Feuch an duine!
6Uime sin, nuair a chunnaic na h‑àrd-shagartan agus na maoir e, ghlaodh iad, ag ràdh, Ceus e, ceus e. Thubhairt Pilat riu, Gabhaibh-se e, agus ceusaibh e: oir chan eil mise a’ faotainn coire sam bith ann.
7Fhreagair na h‑Iùdhaich e, Tha lagh againne, agus a rèir ar lagha-ne is còir a chur gu bàs, airson gun do rinn e Mac Dhè dheth fhèin.
8Uime sin nuair a chuala Pilat a’ chainnt sin, bu mhò a bha a dh’eagal air;
9Agus chaidh e a‑steach a‑rìs do àit a’ bhreitheanais, agus thubhairt e ri Iosa, Cia as dhut? Ach cha tug Iosa freagradh dha.
10An sin thubhairt Pilat ris, Nach labhair thu riumsa? Nach eil fhios agad gu bheil cumhachd agamsa do cheusadh, agus gu bheil cumhachd agam do chur fa sgaoil?
11Fhreagair Iosa, Cha bhiodh cumhachd air bith agad am aghaidh-sa, mura tugte dhut on àirde e; air an adhbhar sin an tì a thug mise thairis dhut, tha aigesan am peacadh as mò.
12Agus o sin suas dh’iarr Pilat a chur fa sgaoil: ach ghlaodh na h‑Iùdhaich, ag ràdh, Ma leigeas tu am fear seo fa sgaoil, cha charaid do Chèasar thu: ge bè neach a tha ga dhèanamh fhèin na rìgh, tha e a’ labhairt an aghaidh Chèasair.
13Uime sin nuair a chuala Pilat a’ chainnt sin, thug e a‑mach Iosa, agus shuidh e air a’ chathair-bhreitheanais, anns an ionad ris an abrar an Leac-ùrlar, ach anns an Eabhra, Gabata.
14Agus b’e là ullachadh na càisge e, agus mu thimcheall na siathamh uaire: agus thubhairt e ris an h‑Iùdhaich, Feuch ur rìgh!
15Ach ghlaodh iadsan a‑mach, Beir uainn, beir uainn, ceus e. Thubhairt Pilat riu, An ceus mi ur rìgh-se? Fhreagair na h‑àrd-shagartan, Chan eil rìgh againne ach Cèasar.
16An sin air an adhbhar sin thug e thairis dhaibh e, gu bhith air a cheusadh. Agus ghlac iad Iosa, agus thug iad leo e.
17Agus chaidh e a‑mach a’ giùlan a chroinn-cheusaidh, don ionad den goirear àit a’ chlaiginn, don ainm anns an Eabhra, Golgota.
18An sin cheus iad e, agus dithis eile maille ris, fear air gach taobh, agus Iosa anns a’ mheadhon.
19Agus sgrìobh Pilat mar an ceudna tiodal, agus chuir e air a’ chrann-cheusaidh e. Agus b’e an sgrìobhadh, IOSA O NASARET, RÌGH NAN IÙDHACH.
20Uime sin leugh mòran de na h‑Iùdhaich an tiodal seo: oir bha an t‑àit anns an do cheusadh Iosa fagas don bhaile: agus bha an sgrìobhadh an Eabhra, an Grèigis, agus an Laidinn.
21An sin thubhairt àrd-shagartan nan Iùdhach ri Pilat, Na sgrìobh, Rìgh nan Iùdhach; ach gun dubhairt e fhèin, Is mi rìgh nan Iùdhach.
22Fhreagair Pilat, An nì a sgrìobh mi, sgrìobh mi e.
23An sin nuair a cheus na saighdearan Iosa, ghlac iad a thrusgan, (agus rinn iad ceithir earrannan dheth, earrann do gach saighdear), agus a chòta mar an ceudna: agus bha an còta gun fhuaigheal, air fhighe o a bhràigh sìos gu h‑iomlan.
24Thubhairt iad uime sin eatorra fhèin, Na reubamaid e, ach tilgeamaid croinn air, cò aig a bhios e: a‑chum gun coileante an sgriobtar, a tha ag ràdh, Roinn iad mo thrusgan eatorra, agus thilg iad croinn air mo bhrat. Air an adhbhar sin rinn na saighdearan na nithean seo.
25A‑nis sheas làimh ri crann-ceusaidh Iosa, a mhàthair, agus piuthar a mhàthar, Muire bean Chleophais, agus Muire Magdalen.
26Uime sin nuair a chunnaic Iosa a mhàthair, agus an deisciobal a b’ionmhainn leis na sheasamh an làthair, thubhairt e ra mhàthair, A bhean, feuch do mhac!
27An sin thubhairt e ris an deisciobal, Feuch do mhàthair! Agus on àm sin a‑mach thug an deisciobal sin leis i da thaigh fhèin.
28An dèidh seo air do Iosa fios a bhith aige gu robh na h‑uile nithean a‑nis air an crìochnachadh, a‑chum gun coileante an sgriobtar, thubhairt e, Tha tart orm.
29A‑nis bha an sin soitheach làn de fhìon-geur: agus air dhaibhsan spong a lìonadh den fhìon-gheur, agus a chur air hiosop, shìn iad a‑chum a bheòil e.
30An sin nuair a ghabh Iosa am fìon-geur, thubhairt e, Tha e crìochnaichte: agus air cromadh a chinn dha, thug e suas a spiorad.
31An sin a‑chum nach fanadh na cuirp air a’ chrann-cheusaidh air an t‑sàbaid, a chionn gum b’e là an ullachaidh a bha ann (oir bu là mòr an là sàbaid sin), dh’iarr na h‑Iùdhaich air Pilat gun rachadh an luirgnean a bhriseadh, agus gun tugte air falbh iad.
32An sin thàinig na saighdearan, agus bhris iad luirgnean a’ chiad fhir, agus luirgnean an fhir eile, a cheusadh maille ris.
33Ach air dhaibh teachd a‑chum Iosa, nuair a chunnaic iad gu robh e cheana marbh, cha do bhris iad a luirgnean-san.
34Ach lot fear de na saighdearan a thaobh le sleagh, agus air ball thàinig a‑mach fuil agus uisge.
35Agus thug an tì a chunnaic sin fianais, agus tha a fhianais fìrinneach: agus tha fhios aige gu bheil e a’ labhairt na fìrinn, a‑chum gun creideadh sibhse.
36Oir rinneadh na nithean seo a‑chum gun coileante an sgriobtar, Cha bhrisear cnàimh dheth.
37Agus a‑rìs tha sgriobtar eile ag ràdh, Amhaircidh iad airsan a lot iad.
38Na dhèidh seo, dh’iarr Iòseph o Arimatèa (a bha na dheisciobal aig Iosa, ach am falach air eagal nan Iùdhach) air Pilat comas corp Iosa a thoirt leis: agus leig Pilat sin leis. Thàinig e air an adhbhar sin, agus thug e leis corp Iosa.
39Thàinig mar an ceudna Nicodèmus (a thàinig air tùs gu Iosa anns an oidhche), agus thug e leis mu thimcheall ceud punnd de mhirr agus de aloes air am measgadh feadh a chèile.
40An sin ghabh iad corp Iosa, agus cheangail iad e ann an lìon-aodaichean, maille ris an spìosraidh, mar as gnàth leis na h‑Iùdhaich adhlacadh a dhèanamh.
41A‑nis bha lios anns an àite anns an do cheusadh e; agus anns an lios uaigh nuadh, anns nach do chuireadh aon duine riamh.
42Air an adhbhar sin, airson ullachadh càisg nan Iùdhach, do bhrìgh gu robh an uaigh am fagas, chuir iad Iosa an sin.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Learn more about Am Bìoball Gàidhlig 1992