YouVersion Logo
Search Icon

Soisgeul Mhata 11

11
LAOIDH 34
Mat. 11.25-30
1Buidheachas follaiseach thug Crìosd
dha Athair fhèin, ag ràdh,
Sìor‑bheannaicht bi‑sa, Dhia nam feart,
o linn gu linn gu bràth!
2'S tu cheil air daoine saogh'lta glic
dearbh‑fhìrinn shlàinteil nèimh.
Gidheadh a thaisbean soilleir i
do leanbain umhail sèimh.
3'S i seo do thoil‑sa, Athair chaoimh,
's do naomh‑reachd seasmhach buan;
Na iarradh ainglean naomh no daoin
làn‑fhios an adhbhair uainn.
4Gach uile chumhachd dhòmhs thug Dia;
dha mhàin is fios mo ghnè;
Is dhòmhsa mhàin a ghnè‑san 's eòl,
's don dream dhan seòl mi e.
5O sibhse tha le uallach trom cia
an uilc 's an eagail leòint,
Thigibh gam dh'ionnsaigh‑sa, is gheibh
bhur n‑anaman fois is treòir.
6Le cridhe umhail togarrach
mo chuing‑sa togaibh oirbh:
Dham cheannsal gèillibh, is dham reachd,
gu beachd chan eil e doirbh.
7Oir caomh tha mise agus sèimh,
's cha dèan mo chuing ur cràdh;
Foghlamaibh uam, 's ur n‑anman sgìth
fois shìorraidh gheibh is àgh#11.7 àgh aoibhneas, sonas.

Currently Selected:

Soisgeul Mhata 11: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy