YouVersion Logo
Search Icon

I. Esdras 3

3
CAIB. III.
1A nis an uair a rìoghaich Darius, rinn e cuirm mhòir dʼ a ìochdaranaibh uile, agus dʼ a theaghlaich uile, agus do uile phrionnsaibh Mhedia agus Phersia,
2Agus do na h‑uachdaranaibh, agus àrd‑riaghlairibh, agus ceannardaibh uile, a bha fuidhe, o na h‑Innsibh gu Etiopia, á ceud agus seachd thar fhichead mòr‑roinn.
3Agus an uair a dhʼ ith agus a dhʼ òl iad, agus an uair a chaidh iad dhachaidh air dhoibh a bhi riaraichte, an sin chaidh Darius gu sheòmar‑leapach fein, agus choidil e, agus an tiota dhùisg e.
4Agus bha triùir oganach a bhuineadh do fhreiceadain‑cuirp an rìgh, aʼ còmhradh ri aon a chéile,
5Labhradh gach aon againn earrann: esan a bheir buaidh agus aig am bi briathra ni ʼs glice na cach, dhàsan bheir rìgh Darius tiodhlaca mòra agus nithe mòra, mar chomhar air buaidh;
6Gu bhi eadhon air a sgeudachadh ann am purpur, ag òl á h‑òr, agus aʼ codal air òr, agus carbad le srianaibh òir; agus éididh‑cinn do lìon‑eudach grinn, agus slabhraidh mʼ a mhuineal:
7Agus suidhidh e ni ʼs faigse do Dharius a thaobh a ghliocais, agus bheirear caraid Dhariuis mar ainm air.
8An sin sgrìobh gach fear earrann fein, sheul se e, agus chuir se e fo chluasaig rìgh Dhariuis;
9Agus thubhairt e, an uair a dhʼ éireas an rìgh, bheir neach éigin na sgrìobhanna dha; agus ge bʼ e taobh air an toir an rìgh agus triùir phrionnsa Phersia breith gur e an earrann aige a ʼs glice, dhàsan bheirear aʼ bhuaidh, mar a shònraicheadh.
10Sgrìobh aʼ cheud fhear, ʼSe am fìon a ʼs treasa.
11Sgrìobh an dara fear, ʼSe an rìgh a ʼs treasa.
12Sgrìobh an treas fear, ʼSiad na mnai a ʼs treasa: ach, os ceann nan uile nithe, tha ʼn fhìrinn aʼ toirt a mach na buadha.
13A nis an uair a dhʼ éirich an rìgh, ghabh iad an sgrìobhanna, agus thug iad dha iad, agus an sin leugh se iad.
14Agus aʼ cur fios uaith, ghairm e uile phrionnsa Phersia agus Mhedia, agus na h‑àrd‑riaghlairean, agus na ceannardan, agus na h‑uachdarain, agus na prìomh‑oifigich;
15Agus rinn e suidh sìos air rìgh‑chaithir aʼ bhreitheanais; agus leughadh na sgrìobhanna ʼna làthair.
16Agus a deir e, Gairmibh na daoine òga, agus cuiridh iad an céill na h‑earrainnean aca fein. Mar sin ghairmeadh iad, agus thàinig iad a steach.
17Agus thubhairt e riù, Cuiribh an céill duinn bhur barail a thaobh nan sgrìobhanna. An sin thòisich aʼ cheud fhear, a labhair mu neart an fhìona:
18Agus thubhairt e mar so, O sibhse, fheara, cia h‑anabarrach làidir tha ʼm fìona! cuiridh e a ʼm mearachd na h‑uile a dhʼ òlas e:
19Ni e mar aon, inntinn an rìgh agus an leinibh gun athair; an tràill agus an duine shaoir, an duine bhochd agus shaibhre:
20Tionndaidhidh e mar an ceudna gach smuain gu sùgradh agus cridhealas, air chor is nach cuimhnich duine aon chuid àmhghar na ainfhiach#3.20 ainfhiach droch‑fhiach, trom‑fhiach ‑ heavy debts:
21Agus nì e gach cridhe saoibhir, air chor is nach cuimhnich duine aon chuid rìgh no uachdaran: agus bheir e air gach còmhradh a bhi mar le tàlannaibh;
22Agus ʼn àm doibh a bhi ris an òl, tha iad aʼ dì‑chuimhneachadh an gràidh araon do chàirdibh, agus do bhràithribh, agus an ceann tiota tàirnidh iad a mach an claidhean;
23Ach air sgur doibh o ʼn fhìona, cha ʼn ʼeil cuimhnʼ aca ciod a rinn iad,
24O sibhse fheara, nach e am fìon a ʼs treasa, a cho‑éignicheas chum so a dheanamh? Agus air da labhairt mar so, dhʼ fhan e ʼna thosd.

Currently Selected:

I. Esdras 3: MacGAP

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy