Mata 7
ABIG
7
1 Tha ar Slànaighear a’ cronachadh breith ghrad, 6 a’ toirmeasg nithean naomha a chur an neo‐shuim, 7 agus ag òrdachadh ùrnaigh a dhèanamh. 13 Chomhairlich e do gach neach dol a‑steach air an doras chumhang.
1Na tugaibh breith#Lùc 6:37; Ròm 2:1; 1 Cor 4:5, a‑chum nach toirear breith oirbh.
2Oir a rèir na breith a bheir sibh, bheirear breith oirbh: agus leis an tomhas leis an tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a‑rìs#Bri 1:7.
3Agus carson a tha thu a’ faicinn an smùirnein a tha an sùil do bhràthar, ach nach eil thu a’ toirt fa‑near na sail a tha ann ad shùil fhèin?
4No cionnas a their thu rid bhràthair, Fuiling dhomh an smùirnean a spìonadh as do shùil; agus, feuch, an t‑sail ann ad shùil fhèin?
5A chealgair, buin air tùs an t‑sail as do shùil fhèin#Gal 6:1; agus an sin is lèir dhut gu math an smùirnean a bhuntainn à sùil do bhràthar.
6Na toiribh an nì naomh do na madaidhean, agus na tilgibh ur neamhnaidean am fianais nam muc#Gnà 9:7, 8; 23:9, air eagal gun saltair iad orra len casan, agus air tilleadh dhaibh gu reub iad sibh fhèin as a chèile.
7Iarraibh, agus bheirear dhuibh#Isa 55:6; Lùc 18:1: siribh, agus gheibh sibh: buailibh an doras, agus fosglar dhuibh:
8Oir gach uile neach a dh’iarras, glacaidh e#Salm 81:10, 16; Eòin 14:13, 14; 1 Eòin 3:22; 5:14, 15: agus ge bè a shireas, gheibh e#Gnà 8:17; Ier 29:12, 13: agus don tì a bhuaileas an doras, fosglar.
9Oir cò an duine agaibhse, mas e is gun iarr a mhac aran, a bheir clach dha?
10Agus mas iasg a dh’iarras e, an toir e nathair dha?
11Air an adhbhar sin mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thabhairt dur cloinn, nach mò na sin a bheir ur n‑Athair a tha air nèamh nithean matha dhaibhsan a dh’iarras air iad?
12Uime sin, gach uile nì a bu mhiann leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibh‐se a leithid dhaibhsan mar an ceudna: oir is e seo an lagh agus na fàidhean#Lebh 19:18; Ròm 13:8‐10; Gal 5:14.
13Imichibh a‑steach air an doras chumhang#Lùc 13:24: oir is farsaing an doras, agus is leathann an t‑slighe a tha a’ treòrachadh a‑chum sgrios, agus is lìonmhor iad a tha a’ dol a‑steach oirre:
14Ach is cumhang an doras, agus is aimhleathann an t‑slighe a tha a’ treòrachadh a‑chum na beatha, agus is tearc iad a tha ag amas oirre#Mat 20:16; 25:1‐12; Ròm 9:27, 29.
15Coimheadaibh sibh fhèin o na fàidhean brèige#Deut 13:1‐3; Ier 23:13‐16; 1 Eòin 4:1, a thig dur n‑ionnsaigh ann an culaidhean chaorach, ach a tha on leth a‑staigh nam madaidhean‐allaidh#Mat 12:33.
16Air an toradh aithnichidh sibh iad#Mat 12:33: an tionail daoine dearcan‐fìona de dhrisean, no fìgean de na fòghnain?
17Agus mar sin bheir gach uile chraobh mhath toradh math#Lùc 6:43, 45: ach bheir an droch chraobh droch thoradh.
18Chan fhaod a’ chraobh mhath droch thoradh a ghiùlan, no an droch chraobh toradh math a thabhairt.
19Gach uile chraobh nach giùlain toradh math#Mat 3:10; Eòin 15:2, 6, gearrar sìos i, agus tilgear anns an teine i.
20Air an adhbhar sin, is ann air an toradh a dh’aithnicheas sibh iad.
21Chan e gach uile neach a their riumsa, A Thighearna, a Thighearna#Mat 25:11, 12; Isa 48:1, 2; Lùc 6:46; 13:25; Ròm 2:13, a thèid a‑steach do rìoghachd nèimh; ach an tì a nì toil m’Athar‐sa a tha air nèamh.
22Is iomadh iad a their riumsa anns an là ud, A Thighearna, a Thighearna, nach do rinn sinn fàidheadaireachd ann ad ainm‐sa#Àir 24:4; 1 Rìgh 22:11, etc.; Ier 23:13, etc.; 1 Cor 13:2, agus ann ad ainm‐sa nach do thilg sinn a‑mach deamhain agus ann ad ainm‐sa nach do rinn sinn iomadh mìorbhail?
23Agus an sin aidichidh mise gu follaiseach dhaibh, Cha b’aithne dhomh riamh sibh: imichibh uam#Mat 25:41; Salm 5:5; Tais 22:15, a luchd‐dèanamh na h‑eucoir.
24Air an adhbhar sin, gach uile neach a chluinneas na briathran seo agamsa#Lùc 6:47, etc., agus a nì iad, samhlaichidh mi e ri duine glic#Salm 111:10; 119:99, 130, a thog a thaigh air carraig:
25Agus thùirling an t‑uisge, agus thàinig na tuiltean, agus shèid na gaothan, agus bhuail iad air an taigh sin: agus cha do thuit e, oir bha a bhunait suidhichte air carraig.
26Agus gach uile neach a chluinneas na briathran seo agamsa, agus nach coilean iad, samhlaichear e ri duine amaideach#1 Sam 2:30; Ier 8:6 a thog a thaigh air a’ ghaineamh:
27Agus thùirling an t‑uisge, agus thàinig na tuiltean, agus shèid na gaothan, agus bhuail iad air an taigh sin#1 Cor 3:13: agus thuit e; agus bu mhòr a thuiteam#Eabh 10:26, 27.
28Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa na briathran seo, gun do ghabh am poball iongantas ra theagasg‐san#Ier 23:29; Marc 6:2:
29Oir theagaisg e iad mar neach aig an robh cumhachd, agus chan ann mar na sgrìobhaichean.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Learn More About Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 2017