YouVersion Logo
Search Icon

Mata 23

23
1 Chomhairlich Crìosd don t‑sluagh èisteachd ri deagh theagasg nan sgrìobhaichean, agus nam Pharasach: ach gun an droch eisimpleir a leantainn: 8 is còir da dheisciobail a bhith air am faicill an aghaidh uabhair.
1An sin labhair Iosa ris an t‑sluagh, agus ra dheisciobail fhèin,
2Ag ràdh, Tha na sgrìobhaichean agus na Pharasaich nan suidhe ann an cathair Mhaois#Mal 2:7:
3Air an adhbhar sin, na h‑uile nithean a dh’iarras iad oirbhse a choimhead, coimheadaibh agus dèanaibh iad; ach na dèanaibh a rèir an obraichean: oir their iad, agus cha dèan iad#Ròm 2:21‐23.
4Oir ceanglaidh iad uallaichean troma#Gnìo 15:10 agus do‑iomchair, agus cuiridh iad iad air guaillean dhaoine; gidheadh, cha charaich iad fhèin iad le aon dem meuran.
5Ach an obraichean uile tha iad a’ dèanamh a‑chum a bhith air am faicinn le daoine#Mat 6:1‐16: nì iad am philactaraidhean#23:5 is e sin, stiallan de chraiceann‐sgrìobhaidh air an robh earrannan den sgriobtar sgrìobhta. leathann#Àir 15:38, 39; Deut 6:8, agus iomall an aodaich mòr;
6Agus is ionmhainn leo na ciad ionadan‐suidhe anns na fèillean#Marc 12:38, etc.; Lùc 20:27, etc., agus na ciad chathraichean anns na coitheanail,
7Agus fàilte fhaghail air na margaidhean, agus daoine a ghairm Rabbi, Rabbi dhiubh.
8Ach na goirear Rabbi dhibhse#Seum 3:1: oir is aon àrd‐mhaighistir a tha agaibh, Crìosd; agus is bràithrean sibh fhèin uile.
9Agus na goiribh ur n‑athair de dhuine sam bith air thalamh: oir is aon Athair a tha agaibh#Mat 6:9, a tha air nèamh.
10Cha mhò a ghoirear àrd‐mhaighistirean dhibh: oir is aon àrd‐mhaighistir a tha agaibh, eadhon Crìosd.
11Ach an tì as mò nur measg#Mat 20:26, 27, bidh e na òglach agaibh.
12Agus ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e#Gnà 15:33; Seum 4:6; agus ge bè neach a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.
13Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann.
14Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir tha sibh ag ithe suas taighean bhantrach#2 Tim 3:6; Tìt 1:11, agus air sgàth deagh choslais a’ dèanamh ùrnaighean fada; uime sin gheibh sibh an dìteadh as mò.
15Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir cuartaichidh sibh muir agus tìr a‑chum aon duine a dhèanamh de ur creideamh fhèin; agus nuair a bhios e dèante, nì sibh mac ifrinn dheth dà uair nas mò na sibh fhèin#Eòin 8:44; Gnìo 13:10; Eph 2:3.
16Is an‑aoibhinn dhuibh, a chinn‐iùil dhalla#Mat 15:14, a their, Ge bè duine a bheir mionnan air an teampall, cha nì air bith sin: ach ge bè a bheir mionnan air òr an teampaill, tha e ceangailte#23:16 is e sin, le a mhionnan..
17Amadana, agus a dhaoine dalla#Salm 94:8! Oir cia aca as mò an t‑òr, no an teampall a tha a’ naomhachadh an òir?
18Agus, Ge bè a bheir mionnan air an altair, chan eil suim ann: ach ge bè a bheir mionnan air an tìodhlac a tha oirre, tha e ceangailte.
19Amadana, agus a dhaoine dalla! Oir cia aca as mò an tìodhlac, no an altair a tha a’ naomhachadh an tìodhlaic#Ecs 29:37; 30:29?
20Air an adhbhar sin, ge bè a mhionnaicheas air an altair, tha e a’ mionnachadh oirre fhèin, agus air gach nì a tha oirre.
21Agus ge bè a mhionnaicheas air an teampall, tha e a’ mionnachadh airsan, agus air an Tì a tha na chòmhnaidh ann#2 Each 6:2; Salm 26:8.
22Agus ge bè neach a mhionnaicheas air nèamh, tha e a’ mionnachadh air rìgh‐chathair Dhè#Mat 5:34; Salm 11:4; Isa 66:1, agus airsan a tha na shuidhe oirre.
23Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir tha sibh a’ toirt an deichimh as a’ mhionnt#Lùc 11:42, agus an anise, agus a’ chuimin, agus dhearmaid sibh nithean cudthromach an lagha#Mat 9:13; 1 Sam 15:22; Ier 22:15, 16; Hos 6:6; Mic 6:8, cothrom, tròcair, agus fìrinn: bu chòir dhuibh iad seo a dhèanamh, agus gun iad siud fhàgail gun dèanamh.
24A chinn‐iùil dhalla, a shìolaidheas a’ mheanbh‐chuileag, agus a shluigeas an càmhal.
25Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir glanaidh sibh an taobh a‑muigh den chupan#Marc 7:4, etc. agus den mhèis, ach tha iad an taobh a‑staigh làn reubainn agus eucoir.
26Pharasaich dhoill, glan air tùs an taobh a‑staigh den chupan agus den mhèis, a‑chum gum bi an taobh a‑muigh dhiubh glan mar an ceudna.
27Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir is cosmhail sibh ri uaighean gealaichte#Lùc 11:44; Gnìo 23:3, a tha maiseach air an taobh a‑muigh, ach air an taobh a‑staigh a tha làn de chnàmhan dhaoine marbha, agus den uile shalchar.
28Mar an ceudna, tha sibhse an leth a‑muigh am fianais dhaoine ann an coslas fhìreanan, ach anns an taobh a‑staigh làn ceilg agus easaontais.
29Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir tha sibh a’ togail àitean‐adhlaic nam fàidhean, agus a’ dèanamh leacan‐laighe nam fìrean maiseach.
30Agus ag ràdh, Nam bitheamaid ann an làithean ar n‑athraichean, cha bhitheamaid compàirteach riu ann am fuil nam fàidhean#2 Each 36:15, 16; Ier 2:30.
31Mar sin tha sibh nur fianaisean nur n‑aghaidh fhèin gur sibh clann na muinntir a mharbh na fàidhean#Gnìo 7:51, 52; 1 Tes 2:15, 16.
32Mar sin lìonaibh‐se suas tomhas ur n‑athraichean#Gen 15:16; 1 Tes 2:16.
33A nathraichean, a shìol nan nathraichean nimhe#Mat 3:7, cionnas a dh’fhaodar leibh a dhol as o dhamnadh ifrinn?
34Air an adhbhar sin, feuch, cuiridh mi dur n‑ionnsaigh fàidhean, agus daoine glice, agus sgrìobhaichean; agus cuid dhiubh marbhaidh agus ceusaidh sibh#Gnìo 7:59, agus cuid dhiubh sgiùrsaidh sibh nur sionagogan#Gnìo 5:40; 2 Cor 11:24, 25, agus nì sibh geur‐leanmhainn orra o bhaile gu baile#Eabh 11:37:
35A‑chum gun tig oirbh gach uile fhuil fhìreanta a dhòrtadh air an talamh#Tais 18:24, o fhuil Abeil fhìreanta#Gen 4:8 gu fuil Shachariais mhic Bharachiais#2 Each 24:20, 21, a mharbh sibh eadar an teampall agus an altair.
36Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun tig na nithean seo uile air a’ ghinealach seo.
37A Ierusaleim#Lùc 13:34, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an dream a chuirear ad ionnsaigh, cia minig a b’àill leam do chlann a chruinneachadh ri chèile#Deut 32:11, 12; Salm 91:4, mar a chruinnicheas cearc a h‑eòin fo a sgiathan, agus cha b’àill leibhse!
38Feuch, fàgar ur taigh agaibh na fhàsach#Sech 11:6.
39Oir tha mise ag ràdh ribh nach faic sibh mise o seo suas, gus an abair sibh, Is beannaichte an Tì a thig ann an ainm an Tighearna#Salm 118:20.

Currently Selected:

Mata 23: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy