Sailm 2
SD1826

Sailm 2

2
1Carson a ghabh na cinnich boil’,
’s na slòigh le chèile cruinn,
A’ smaoineachadh beairt dhìomhanaich,
nach faodar chur an suim?
2Rìghrean na talmhainn dh’èirich suas,
’s na h-uachdarain gu lèir:
’N aghaidh Iehòbhah chruinnich iad;
’s ’n aghaidh aon ungte Dhè.
3Nis briseamaid an cuibhreach dhinn,
(siud thubhairt iad air fad,)
Na boinn a b’àill leo iadhadh oirnn,
dhinn tilgeamaid gu grad.
4An Tì air nèamh na shuidhe tha,
nì esan gàire riu;
Is mar chùis-mhagaidh bithidh iad
do Thighearn àrd nan dùl.
5’N sin labhraidh e am briathraibh borb
na chorraich riu gu garg;
Is cuiridh e gu cabhaig iad,
le lasan is le feirg.
6Gidheadh do dh’ungadh leam mo Rìgh
gu fìor air Sion caomh;
Is chuir mi e na uachdaran
suas air mo thulaich naoimh.
7Cuiridh mi ’n cèill an t-òrdagh ud;
thubhairt Iehòbhah rium,
Is tu mo mhac-sa; ’s ann an-diugh
a ghineadh thusa leam.
8Iarr orm, ’s mar oighreachd bheir mi dhut
na fineachan gu lèir;
’S mar sheilbh ro-dhìleas bheir mi dhut
fad iomall crìoch gach tìr.
9Nìthear le slait den iarann chruaidh
gu luath am briseadh leat;
Nam bloighdibh beaga pronnar iad,
mar phota crè led neart.
10O rìghrean, uime sin, a-nis,
gabhaibh-se ciall gu lèir;
A bhritheamhan na talmhainn fòs,
grad-fhoghlaimibh deagh bheus.
11Don Tighearna Iehòbhah mòr
adhraibh-se sìos gu ceart,
Le eagal dèanaibh seirbhis mhath
do Thighearna nam feart,
’S le ball-chrith dèanaibh gàirdeachas.
12Don mhac grad-thugaibh pòg,
Air eagal gun las fhearg-san ribh
gur milleadh anns an ròd,
An uair a bhitheas corraich air
a’ lasadh ach gu beag.
Is beannaicht’ iad, gach uile neach,
an dòchas air a leag.

Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)

© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000


Learn More About Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)

Encouraging and challenging you to seek intimacy with God every day.


YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy.