YouVersion Logo
Search Icon

Mata 2

2
Tadhal nam Magi
1A‑nis, às dèidh do dh'Ìosa a bhith air a bhreith ann an Betlehem Iudèa, ann an làithean Heroid an rìgh, seallaibh, thàinig Magi#2:1 Reuladairean no daoine‑glice on àird an ear gu Ierusalem 2ag ràdh, “Càit a bheil esan a rugadh na Rìgh nan Iùdhach? Oir chunnaic sinne a rionnag anns an àird an ear agus tha sinn air tighinn a thoirt adhraidh dha.”
3Nuair a chuala an Rìgh Herod seo, bha e fo dhragh mòr, agus Ierusalem gu lèir còmhla ris. 4Agus às dèidh dha na h‑àrd‑shagartan is sgrìobhaichean an t‑sluaigh gu lèir a chruinneachadh ri chèile, dh'fhaighnich e dhaibh càit an robh an Crìosd gu bhith air a bhreith. 5Thuirt iad ris, “Ann am Betlehem Iudèa, oir is ann mar seo a chaidh a sgrìobhadh leis an fhàidh:
6‘Agus thusa, a Bhetlehem,
ann an tìr Iùdah,
cha tu idir as lugha am measg
ceannardan Iùdah;
oir asadsa thig riaghladair
a threòraicheas mo shluagh Israel.’#Micah 5:2, 4
7An uair sin ghairm Herod gu dìomhair air na Magi agus fhuair e a‑mach uapa gu mionaideach an t‑àm anns an do nochd an rionnag. 8Agus chuir e gu Betlehem iad, ag ràdh, “Thallaibh agus coimheadaibh gu dìcheallach airson a' phàiste, agus nuair a tha sibh air fhaighinn, innsibh dhòmhsa, airson 's gun tig mise cuideachd agus gun dèan mi adhradh dha.”
9Às dèidh èisteachd ris an rìgh, dh'fhalbh iad; agus, seallaibh, chaidh an rionnag a chunnaic iad anns an àird an ear romhpa, gus an tàinig i agus gun do stad i os cionn an àite far an robh am pàiste. 10Nuair a chunnaic iad an rionnag, rinn iad gàirdeachas anabarrach le aoibhneas mòr. 11Agus a' dol a‑steach dhan taigh, chunnaic iad am pàiste còmhla ri Moire a mhàthair, agus thuit iad sìos is rinn iad adhradh dha. An uair sin, a' fosgladh nan ionmhasan aca, thairg iad tiodhlacan dha: òr is tùis is mirr. 12Agus às dèidh dhaibh rabhadh fhaighinn ann an aisling – gun tilleadh gu Herod – dh'fhàg iad airson an dùthaich fhèin air slighe eile.
An Teicheadh dhan Èipheit
13A‑nis nuair a bha iad air fàgail, seallaibh, nochd aingeal leis an Tighearna ri Iòsaph ann an aisling, ag ràdh, “Èirich! Gabh am pàiste agus a mhàthair, is teich dhan Èipheit, agus fan an sin gus an innis mise dhut, oir tha Herod a' dol a choimhead airson a' phàiste, airson cur às dha.”
14Agus dh'èirich e, agus ghabh e am pàiste is a mhàthair anns an oidhche agus chaidh e dhan Èipheit 15agus dh'fhan e an sin gu bàs Heroid. Bha sin airson 's gun deigheadh an rud a bha an Tighearna air a ràdh tron fhàidh a choileanadh: “A‑mach às an Èipheit ghairm mi mo mhac.”#Hos. 11:1
16An uair sin nuair a chunnaic Herod gun robh na Magi air a char a thoirt às, thàinig fearg mhòr air. Agus chuir e feadhainn uaithe is mharbh e na bha de bhalaich ann am Betlehem agus sa cheàrnaidh sin uile a bha dà bhliadhna a dh'aois is fodha, a rèir an ama a bha e air fhaighinn a‑mach gu mionaideach o na Magi. 17An uair sin choileanadh na chaidh a ràdh le Ieremiah am fàidh:
18“Chaidh guth a chluinntinn ann an Rama,
caoineadh, agus caoidh ro‑mhòr,
Rachel a' caoineadh airson a cloinne,
agus dhiùlt i sòlas a ghabhail,
a chionn 's nach eil iad ann tuilleadh.”#Ier. 31:15
An Tilleadh gu Nàsaret
19Ach nuair a chaochail Herod, seall, nochd aingeal leis an Tighearna ann an aisling ri Iòsaph anns an Èipheit 20ag ràdh, “Èirich, thoir leat an leanabh agus a mhàthair, agus thalla gu tìr Israeil, oir fhuair iadsan a bha a' sireadh beatha an leanaibh bàs.”
21Mar sin dh'èirich esan agus thug e leis an leanabh 's a mhàthair, agus chaidh e gu tìr Israeil. 22Ach nuair a chuala e gu robh Archelaus a' riaghladh ann an tìr Iudèa an àite Heroid athair, bha an t‑eagal air a dhol an sin. Ach às dèidh dha rabhadh fhaighinn ann an aisling, thill e gu sgìre Ghalile, 23agus chaidh e is dh'fhuirich e ann am baile air an robh an t‑ainm Nàsaret, airson 's gun deigheadh an rud a chaidh a ràdh leis na fàidhean a choileanadh: “Thèid Nàsarach a ghabhail air.”

Currently Selected:

Mata 2: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy