YouVersion Logo
Search Icon

Mata 24

24
1Agus chaidh Iosa a‑mach, agus dh’imich e on teampall; agus thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, a nochdadh dha aitreabh an teampaill.
2Agus thubhairt Iosa riu, Nach faic sibh iad seo uile? Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh nach fàgar clach air muin cloiche an seo nach tilgear sìos.
3Agus air suidhe dha air Sliabh nan Crann-ola, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh ann an uaigneas, ag ràdh, Innis dhuinne cuin a thig na nithean sin gu crìch, agus ciod e comharradh do theachd-sa, agus crìoch an t‑saoghail?
4Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Thugaibh an aire nach meall aon neach sibh:
5Oir thig mòran ann am ainm-sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; agus meallaidh iad mòran.
6Agus cluinnidh sibh cogaidhean, agus tuairisgeal chogaidhean: thugaibh an aire nach bi sibh fo amhluadh: oir is èiginn do na nithean sin uile teachd gu crìch, ach chan eil a’ chrìoch ann fhathast.
7Oir èiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: agus bidh gortan, agus plàighean, agus crithean-talmhainn ann am mòran àitean.
8Agus chan eil annta seo uile ach toiseach thruaighean.
9An sin bheir iad thairis sibh a‑chum àmhghair, agus marbhaidh iad sibh, agus bidh fuath aig gach uile chinneach dhuibh air sgàth m’ainme-sa.
10Agus an sin gabhaidh mòran oilbheum, agus brathaidh iad a chèile, agus bidh fuath aca da chèile.
11Agus èiridh mòran fhàidhean brèige, agus meallaidh iad mòran.
12Agus do bhrìgh gum bi an eucoir air a meudachadh, fuaraichidh gràdh mhòran.
13Ach ge bè a bhios seasmhach gus a’ chrìoch, is e seo a thèarnar.
14Agus bidh soisgeul seo na rìoghachd air a shearmonachadh air feadh an domhain uile, mar fhianais do na h‑uile chinnich: agus an sin thig a’ chrìoch.
15Air an adhbhar sin, nuair a chì sibhse gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad naomh (tuigeadh an tì a leughas),
16An sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudèa a‑chum nam beann:
17An tì a tha air mullach an taighe, na tigeadh e a‑nuas a thabhairt nì sam bith leis as a thaigh:
18Agus an tì a tha anns a’ mhachair, na tilleadh e air ais a thogail a fhallaing leis.
19Agus is an‑aoibhinn do na mnathan torrach, agus dhaibhsan a bheir cìoch uapa anns na làithean sin.
20Ach guidhibh-se gun ur teicheadh a bhith anns a’ gheamhradh no air an t‑sàbaid:
21Oir anns an àm sin bidh àmhghar mòr ann, amhail nach robh ann o thùs an domhain gus a‑nis, agus nach mò a bhios a‑chaoidh.
22Agus mura biodh na làithean sin air an giorrachadh, cha bhiodh feòil sam bith air a tèarnadh: ach airson nan daoine taghte bidh na làithean sin air an giorrachadh.
23An sin ma their aon duine ribh, Feuch, tha Crìosd an seo, no an siud; na creidibh e:
24Oir èiridh Crìosdan brèige agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean agus mìorbhailean mòra, ionnas gum mealladh iad, nam faodadh e a bhith, na daoine taghte fhèin.
25Feuch, dh’innis mi dhuibh e ro‑làimh.
26Uime sin ma their iad ribh, Feuch, tha e anns an fhàsach, na rachaibh a‑mach: feuch, tha e anns na seòmraichean uaigneach, na creidibh sin.
27Oir mar a thig an dealanach on àird an ear, agus a dhealraicheas e gus an àird an iar, mar sin mar an ceudna bidh teachd Mac an Duine.
28Oir ge bè àite anns am bi a’ chairbh, is ann an sin a chruinnichear na h‑iolairean.
29Air ball an dèidh trioblaid nan làithean ud, dorchaichear a’ ghrian, agus cha tabhair a’ ghealach a solas, agus tuitidh na reultan o nèamh, agus bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.
30Agus an sin foillsichear comharradh Mac an Duine ann an nèamh: agus an sin nì uile threubhan na talmhainn bròn, agus chì iad Mac an Duine a’ teachd air neòil nèimh, le cumhachd agus glòir ro‑mhòr.
31Agus cuiridh e a‑mach aingeal le fuaim mhòir na gall-truimp, agus cruinnichidh iad a shluagh taghte o na ceithir gaothan, o leth-iomall nèimh gus an leth-iomall eile.
32Ach fòghlamaibh cosamhlachd on chrann-fìge: nuair a bhios a gheug a‑nis maoth, agus a dh’fhàsas an duilleach, aithnichidh sibh gur fagas an samhradh:
33Agus mar an ceudna, nuair a chì sibhse na nithean sin uile, biodh fhios agaibh gu bheil e am fagas, eadhon aig na dorsan.
34Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nach tèid an ginealach seo fhèin thairis gus an tachair na nithean seo uile.
35Thèid nèamh agus talamh thairis, ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a‑chaoidh.
36Ach chan eil fios an là no na h‑uaire sin aig duine air bith, no fòs aig ainglean nèimh, ach aig m’Athair-sa a‑mhàin.
37Ach amhail a bha làithean Noe, mar sin mar an ceudna bidh teachd Mac an Duine.
38Oir mar a bha iad anns na làithean ron tuil ag ithe agus ag òl, a’ pòsadh agus a’ toirt ann am pòsadh, gus an là anns an deachaidh Noe a‑steach anns an àirc,
39Agus nach robh fhios aca gus an tàinig an tuil, agus an do thog i leatha iad uile; mar sin mar an ceudna bidh teachd Mac an Duine.
40An sin bidh dithis air a’ mhachair; gabhar fear aca, agus fàgar am fear eile.
41Bidh dithis bhan a’ meileadh anns a’ mhuileann; gabhar aon dhiubh, agus fàgar an aon eile.
42Uime sin dèanaibh-se faire, oir chan eil fhios agaibh ciod an uair anns an tig ur Tighearna.
43Ach tha fhios seo agaibh, nam b’fhiosrach fear-an‑taighe ciod an uair anns an tigeadh an gadaiche, gun dèanadh e faire, agus nach fuilingeadh e gum briseadh a thaigh troimhe.
44Uime sin, bithibh-se ullamh mar an ceudna: oir nuair nach saoil sibh, thig Mac an Duine.
45Cò e, mas eadh, a tha na òglach fìrinneach agus glic, a chuir a thighearna os cionn a mhuinntir, a thabhairt bìdh dhaibh na àm fhèin?
46Is beannaichte an t‑òglach sin a gheibh a thighearna, ri àm dha teachd, a’ dèanamh mar sin.
47Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun cuir e e os cionn a mhaoin gu h‑iomlan.
48Ach ma their an droch sheirbhiseach ud na chridhe, Tha mo thighearna a’ cur dàil na theachd;
49Agus ma thòisicheas e air a cho-sheirbhisich a bhualadh, agus air ithe agus òl maille ri luchd-misge:
50Thig tighearna an òglaich sin ann an là nach eil sùil aige ris, agus ann an uair nach fios dha.
51Agus gearraidh e na bhloighdean e, agus bheir e a chuibhreann dha maille ris na cealgairean: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.

Currently Selected:

Mata 24: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy