YouVersion Logo
Search Icon

Mata 2

2
1Agus nuair a rugadh Iosa ann am Betlehem Iudèa, ann an làithean Heroid an rìgh, feuch, thàinig draoidhean on àird an ear gu Ierusalem,
2Ag ràdh, Càit a bheil rìgh sin nan Iùdhach a tha air a bhreith? Oir chunnaic sinne a reul anns an àird an ear, agus tha sinn air teachd a thabhairt adhraidh dha.
3Nuair a chuala Herod an rìgh sin, bha e fo thrioblaid, agus Ierusalem uile maille ris.
4Agus air cruinneachadh nan àrd-shagart uile dha, agus sgrìobhaichean an t‑sluaigh, dh’fheòraich e dhiubh càit an robh Crìosd gu bhith air a bhreith.
5Agus thubhairt iad ris, Ann am Betlehem Iudèa: oir mar seo sgrìobhadh leis an fhàidh,
6Agus thusa Bhetlehem ann an tìr Iùdah, cha tu idir as lugha am measg ceannardan Iùdah: oir asadsa thig Uachdaran a stiùras mo shluagh Israel.
7An sin, air do Herod na draoidhean a ghairm os ìosal da ionnsaigh, gheur-fhiosraich e dhiubh cia an t‑àm anns an d’fhoillsicheadh an reul.
8Agus chuir e iad gu Betlehem, agus thubhairt e, Imichibh, agus iarraibh gu dìcheallach an naoidhean; agus an dèidh dhuibh fhaotainn, innsibh dhòmhsa e, a‑chum gun tèid mise fhèin, agus gun dèan mi adhradh dha.
9Agus nuair a chuala iad an rìgh, dh’imich iad; agus, feuch, chaidh an reul a chunnaic iad anns an àird an ear romhpa, gus an tàinig i agus gun do stad i os cionn an ionaid anns an robh an naoidhean.
10Agus nuair a chunnaic iad an reul, rinn iad gàirdeachas le aoibhneas ro‑mhòr.
11Agus air dol a‑steach dhaibh don taigh, fhuair iad an naoidhean maille ra mhàthair Muire, agus thuit iad sìos, agus rinn iad adhradh dha: agus air fosgladh an ionmhas dhaibh, thug iad dha tìodhlacan; òr, agus tùis, agus mirr.
12Agus air faotainn rabhaidh o Dhia ann am bruadar, gun iad a thilleadh a dh’ionnsaigh Heroid, chaidh iad dan dùthaich fhèin air slighe eile.
13Agus nuair a dh’imich iad air an ais, feuch, nochdadh aingeal an Tighearna do Iòseph ann am bruadar, ag ràdh, Èirich, agus gabh an naoidhean agus a mhàthair, agus teich don Èiphit, agus bi an sin gus an labhair mise riut: oir iarraidh Herod an naoidhean ga mhilleadh.
14Agus dh’eirich e, agus ghabh e da ionnsaigh an naoidhean agus a mhàthair anns an oidhche, agus dh’imich e don Èiphit:
15Agus bha e an sin gu bàs Heroid, a‑chum gun coileante an nì a labhair an Tighearna leis an fhàidh, ag ràdh, A‑mach as an Èiphit ghairm mi mo Mhac.
16An sin nuair a chunnaic Herod gun do rinn na draoidhean fanaid air, las e le feirg ro‑mhòir, agus chuir e luchd-millidh uaithe agus mharbh e na bha de leanaban-mac ann am Betlehem, agus anns na crìochan uile, o aois dhà bhliadhna agus fodha, a rèir na h‑aimsir a dh’fhòghlaim e gu dìcheallach o na draoidhean.
17An sin choileanadh an nì a labhradh le Ieremias am fàidh, ag ràdh,
18Chualas guth ann an Rama, caoidh, agus gul, agus bròn ro‑mhòr, Rachel a’ caoineadh a cloinne, agus cha b’àill leatha sòlas a ghabhail, a chionn nach eil iad beò.
19Ach nuair a dh’eug Herod, feuch, nochdadh aingeal an Tighearna ann am bruadar do Iòseph anns an Èiphit,
20Ag ràdh, Èirich, agus gabh an naoidhean agus a mhàthair, agus imich gu talamh Israeil: oir fhuair an dream a bha ag iarraidh anam an leinibh bàs.
21Agus dh’èirich esan, agus ghabh e an leanabh agus a mhàthair da ionnsaigh, agus thàinig e gu talamh Israeil.
22Ach nuair a chuala e gu robh Archelaus na rìgh ann an tìr Iudèa an àite Heroid athair, bha eagal air dol an sin: ach, air dha rabhadh fhaotainn o Dhia ann am bruadar, thionndaidh e gu crìochan Ghalile:
23Agus thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann am baile den goirear Nàsaret, a‑chum gun coileante an nì a labhradh leis na fàidhean, Gun goirear Nàsarach dheth.

Currently Selected:

Mata 2: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy