YouVersion Logo
Search Icon

Mata 15

15
1An sin thàinig sgrìobhaichean agus Pharasaich o Ierusalem gu Iosa ag ràdh,
2Carson a tha do dheisciobail a’ dol an aghaidh gnàth nan sinnsear? Oir chan ionnlaid iad an làmhan nuair a dh’itheas iad aran.
3Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Carson a tha sibhse a’ briseadh àithne Dhè le ur gnàth fhèin?
4Oir thug Dia àithne, ag ràdh, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair: agus ge bè a mhallaicheas a athair no a mhàthair, cuirear gu bàs e.
5Ach their sibhse, Ge bè neach a their ra athair no ra mhàthair, Biodh e na thìodhlac don teampall gach nì leis am faodadh tu buannachd fhaotainn uamsa.
6Nach feum e urram a thabhairt da athair no da mhàthair? Mar sin chuir sibhse an neo-bhrìgh àithne Dhè le ur gnàth fhèin.
7A chealgairean, is math a rinn Esaias fàidheadaireachd mur timcheall, ag ràdh,
8Tha an sluagh seo a’ dlùthachadh riumsa lem beul, agus a’ toirt urraim dhomh lem bilean: ach tha an cridhe fada uam.
9Ach is ann an dìomhain a tha iad a’ dèanamh adhraidh dhòmhsa, a’ teagasg àitheantan dhaoine mar theagasg.
10Agus air gairm an t‑sluaigh dha, thubhairt e riu, Eisdibh agus tuigibh:
11Chan e an nì a thèid a‑steach anns a’ bheul a shalaicheas an duine; ach an nì a thig a‑mach as a’ bheul, is e seo a shalaicheas an duine.
12An sin thàinig a dheisciobail, agus thubhairt iad ris, A bheil fhios agad gun do ghabh na Pharasaich oilbheum, an dèidh dhaibh na briathran ud a chluinntinn?
13Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Gach uile luibh nach do shuidhich m’Athair nèamhaidh-sa, spìonar as a bhun e.
14Leigibh leo: is cinn-iùil dhall nan dall iad. Agus ma threòraicheas dall dall eile, tuitidh iad araon anns a’ chlais.
15Agus fhreagair Peadar agus thubhairt e ris, Mìnich dhuinn an cosamhlachd sin.
16Agus thubhairt Iosa, A bheil sibhse fhathast mar an ceudna gun tuigse?
17Nach eil sibh a’ tuigsinn fhathast ge bè nì a thèid a‑steach anns a’ bheul, gun tèid e anns a’ bhroinn, agus gun tilgear a‑mach don t‑sloc-shalchair e?
18Ach na nithean sin a thig a‑mach as a’ bheul, tha iad a’ teachd on chridhe, agus is iad sin a shalaicheas an duine.
19Oir is ann as a’ chridhe thig droch smuaintean, mortadh, adhaltranas, strìopachas, gadachd, fianais bhrèige, toibheum:
20Is iad seo na nithean a shalaicheas an duine: ach ithe le làmhan gun ionnlad, cha salaich sin an duine.
21Agus air dol do Iosa as a sin, chaidh e gu crìochan Thìruis agus Shìdoin.
22Agus, feuch, thàinig bean de mhuinntir Chanàain o na crìochan sin, agus ghlaodh i ris, ag ràdh, Dèan tròcair orm, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh; tha mo nighean air a buaireadh gu truagh le deamhan.
23Ach cha tug esan freagradh sam bith dhi. Agus thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, agus dh’iarr iad air, ag ràdh, Cuir air falbh i, oir tha i a’ glaodhaich nar dèidh.
24Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Cha do chuireadh mise ach a‑chum caoraich chaillte taigh Israeil.
25An sin thàinig ise agus rinn i adhradh dha, ag ràdh, A Thighearna, cuidich leam.
26Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Cha chòir aran na cloinne a ghlacadh, agus a thilgeadh a‑chum nan con.
27Agus thubhairt ise, Is fìor, a Thighearna: ach ithidh na coin den spruilleach a thuiteas o bhòrd am maighistirean.
28An sin fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, O bhean, is mòr do chreideamh: biodh e dhut mar as àill leat. Agus rinneadh a nighean slàn on uair sin a‑mach.
29Agus air imeachd do Iosa as a sin thàinig e làimh ri fairge Ghalile; agus nuair a chaidh e suas air beinn, shuidh e sìos an sin.
30Agus thàinig mòr-shluagh da ionnsaigh, agus aca maille riu bacaich, doill, balbhain, daoine ciurramach, agus mòran eile, agus thilg iad sìos aig casan Iosa iad, agus shlànaich e iad:
31Ionnas gun do ghabh an sluagh iongantas nuair a chunnaic iad na balbhain a’ labhairt, na daoine ciurramach slàn, na bacaich ag imeachd, agus na doill a’ faicinn: agus thug iad glòir do Dhia Israeil.
32An sin ghairm Iosa a dheisciobail da ionnsaigh, agus thubhairt e, Tha mi a’ gabhail truais den t‑sluagh, oir dh’fhan iad maille rium a‑nis rè trì làithean, agus chan eil nì air bith aca ra ithe: agus cha chuir mi uam nan trasg iad, air eagal gum fannaich iad air an t‑slighe.
33Agus thubhairt a dheisciobail ris, Cia as a gheibheamaid uiread arain anns an fhàsach is a bu leòr a shàsachadh slòigh cho mòr?
34Agus thubhairt Iosa riu, Cia lìon buileann a tha agaibh? Agus thubhairt iadsan, Seachd, agus beagan a dh’iasgan beaga.
35Agus dh’àithn e don t‑sluagh suidhe sìos air an làr.
36Agus air glacadh nan seachd buileann agus nan iasg dha, agus air tabhairt buidheachais, bhris e iad, agus thug e da dheisciobail, agus thug na deisciobail don t‑sluagh iad.
37Agus dh’ith iad uile, agus shàsaicheadh iad: agus thog iad den bhiadh bhriste a dh’fhàgadh làn sheachd basgaid.
38Agus b’iad a’ mhuinntir a dh’ith, ceithir mìle fear, a thuilleadh air mnathan agus air cloinn.
39Agus air dha an sluagh a leigeadh uaithe, chaidh e air luing, agus thàinig e gu crìochan Mhagdala.

Currently Selected:

Mata 15: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy