Seumas 5
ABG1992

Seumas 5

5
1Imichibh a‑nis, a dhaoine saoibhir, dèanaibh gul agus caoidh airson ur n‑àmhghair a tha a’ teachd oirbh.
2Tha ur saoibhreas air a thruailleadh, agus ur n‑aodach air ithe leis an leòmann.
3Tha ur n‑òr agus ur n‑airgead air meirgeadh; agus bidh am meirg-san na fhianais nur n‑aghaidh, agus ithidh i ur feòil mar theine; thaisg sibh ionmhas fa chomhair nan làithean deireannach.
4Feuch, tha tuarasdal an luchd-obrach a bhuain sìos ur n‑achaidhean, nì a chumadh uapa leibhse le foill, ag èigheach; agus tha glaodhaich na muinntir a bhuain air dol a‑steach a‑chum cluasan Tighearna nan sluagh.
5Chaith sibh ur beatha ann an sògh air thalamh, agus bha sibh mear: dh’altraim sibh ur cridheachan, mar ann an là a’ mharbhaidh.
6Dhìt agus mharbh sibh am fìrean, agus chan eil e a’ cur nur n‑aghaidh.
7Uime sin, a bhràithrean, bithibh foighidinneach gu teachd an Tighearna. Feuch, feithidh an treabhaiche ri toradh luachmhor na talmhainn, agus fanaidh e gu foighidinneach ris, gus am faigh e an ciad uisge agus an t‑uisge deireannach.
8Bithibh-se foighidinneach mar an ceudna; socraichibh ur cridheachan: oir tha teachd an Tighearna am fagas.
9Na dèanaibh gearan an aghaidh a chèile, a bhràithrean, a‑chum nach dìtear sibh: feuch, tha am Britheamh na sheasamh aig an doras.
10Gabhaibh, mo bhràithrean, na fàidhean, a labhair ann an ainm an Tighearna, nan eisimpleir air anshocair fhulang, agus air foighidinn.
11Feuch, measar sona leinn iadsan a dh’fhuilingeas. Chuala sibh iomradh air foighidinn Iob, agus chunnaic sibh crìoch an Tighearna; gu bheil an Tighearna ro‑theò-chridheach agus tròcaireach.
12Ach ro na h‑uile nithean, mo bhràithrean, na tugaibh mionnan, aon chuid air nèamh, no air an talamh, no air mionnan sam bith eile: ach guma h‑e ur còmhradh, Seadh, seadh, agus Chan eadh, chan eadh; air eagal gun tuit sibh ann an dìteadh.
13A bheil neach sam bith fo thrioblaid nur measg? Dèanadh e ùrnaigh. A bheil neach sam bith subhach? Seinneadh e sailm.
14A bheil neach sam bith tinn nur measg? Cuireadh e fios air seanairean na h‑eaglais; agus dèanadh iad ùrnaigh os a chionn, ga ungadh le ola ann an ainm an Tighearna:
15Agus slànaichidh ùrnaigh a’ chreidimh an t‑easlan, agus togaidh an Tighearna suas e; agus ma rinn e peacaidhean, maithear dha iad.
16Aidichibh ur lochdan da chèile, agus dèanaibh ùrnaigh airson a chèile, a‑chum gun tèarnar sibh. Tha mòr-èifeachd ann an ùrnaigh dhùrachdaich an fhìrein.
17Bu duine Elias aig an robh co‑aigne rinne, agus ghuidh e gu dùrachdach gun uisge a bhith ann: agus cha tàinig uisge air an talamh rè trì bliadhna agus sia mìosan.
18Agus rinn e ùrnaigh a‑rìs, agus thug nèamh uisge uaithe, agus thug an talamh a‑mach a thoradh.
19A bhràithrean, ma thèid aon neach agaibhse air seachran on fhìrinn, agus gun iompaich neach e;
20Biodh fhios aige, an duine a dh’iompaicheas peacach o sheachran a shlighe, gun saor e a anam o bhàs, agus gum falaich e mòran pheacaidhean.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Learn More About Am Bìoball Gàidhlig 1992