YouVersion Logo
Search Icon

Seumas 4

4
1Cia as a tha cogaidhean agus còmhragan a’ teachd nur measg? Nach ann as a seo, eadhon o ur n‑ana-miannan, a tha a’ cogadh nur buill?
2Tha sibh a’ miannachadh, agus chan eil agaibh: tha sibh a’ marbhadh, agus a’ dian-shanntachadh, agus chan eil e an comas dhuibh nì fhaotainn; tha sibh a’ cathachadh agus a’ cogadh, gidheadh chan eil agaibh, do bhrìgh nach eil sibh ag iarraidh.
3Tha sibh ag iarraidh, agus chan eil sibh a’ faotainn, do bhrìgh gu bheil sibh ag iarraidh gu h‑olc, a‑chum gun caith sibh e air ur n‑ana-miannan.
4Adhaltranaichean, agus a bhan-adhaltranaichean, nach eil fhios agaibh gur naimhdeas an aghaidh Dhè càirdeas an t‑saoghail? Ge bè air bith neach uime sin leis an àill a bhith na charaid don t‑saoghal, tha e na nàmhaid do Dhia.
5A bheil sibh a’ smaoineachadh gu bheil an sgriobtar gu dìomhain a’ labhairt, Tha an spiorad a tha a chòmhnaidh annainn a’ togairt gu farmad?
6Ach bheir e gràs as mò uaithe: uime sin tha e ag ràdh, Tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal.
7Uime sin ùmhlaichibh sibh fhèin do Dhia; cuiribh an aghaidh an diabhail, agus teichidh e uaibh:
8Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh e ribh: glanaibh ur làmhan, a pheacacha, agus glanaibh ur cridhe, sibhse aig a bheil an inntinn dhùbailte.
9Bithibh ann an àmhghar, agus dèanaibh caoidh, agus gul: biodh ur gàire air a thionndadh gu bròn, agus ur n‑aoibhneas gu tùirse.
10Irioslaichibh sibh fhèin am fianais an Tighearna, agus àrdaichidh e sibh.
11Na labhraibh olc mu chèile, a bhràithrean. An tì a tha a’ labhairt uilc ma bhràthair, agus a’ toirt breith air a bhràthair, tha e a’ labhairt uilc mun lagh, agus a’ toirt breith air an lagh: ach ma tha thu a’ toirt breith air an lagh, chan fhear-coileanaidh an lagha thu, ach britheamh.
12Tha aon fhear-tabhairt lagha ann, as urrainn saoradh agus sgrios: cò thusa a tha a’ toirt breith air neach eile?
13Imichibh a‑nis, sibhse a tha ag ràdh, Thèid sinn an‑diugh no a‑màireach gus a leithid seo de bhaile, agus fanaidh sinn an sin rè bliadhna, agus nì sinn ceannachd, agus gheibh sinn buannachd:
14Nuair nach eil fhios agaibh ciod a thàrlas air a’ mhàireach: oir ciod i ur beatha? Is deatach i a chìthear rè ùine bhig, agus an dèidh sin a thèid as an t‑sealladh.
15An àite gum bu chòir dhuibh a ràdh, Mas toil leis an Tighearna, bidh sinn beò, agus nì sinn seo, no siud.
16Ach a‑nis tha sibh a’ dèanamh uaille as ur ràiteachas fhèin: is olc gach uile shamhail sin de uaill.
17Uime sin dhàsan don aithne math a dhèanamh, agus nach dèan e, is peacadh e dha.

Currently Selected:

Seumas 4: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy